2 Eachdraidh 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bha cogadh eadar Abiah agus Ieroboam. 5 Chuir Abiah an cèill ceartas a chùise. 13 Bhuadhaich e air Ieroboam, agus mharbh e Israel le àr mòr. 21 A mhnathan agus a chlann. 1 A‑nis anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Ierobòam, thòisich Abiah air rìoghachadh os cionn Iùdah. 2 Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Urieil o Ghilbeah. Agus bha cogadh eadar Abiah agus Ierobòam. 3 Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil. 4 Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ierobòaim, agus Israeil uile. 5 Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn? 6 Gidheadh, dh’èirich Ierobòam mac Nebait, seirbhiseach Sholaimh mhic Dhaibhidh, suas, agus rinn e ceannairc an aghaidh a thighearna: 7 Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais‐chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh. 8 Agus a‑nis tha sibh a’ smaoineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mic Dhaibhidh; agus tha sibh nur sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ierobòam dhuibh mar dhiathan. 9 Nach do thilg sibh a‑mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lèbhithich, agus nach do rinn sibh dhuibh fhèin sagartan mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig ga choisrigeadh fhèin le tarbh òg agus le seachd reitheachan, bidh esan air ball na shagart dhaibhsan nach eil nan diathan. 10 Ach dar taobh‐ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin; 11 Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean‐loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e. 12 Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh‐se. A chlann Israeil, na cogaibh‐se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh. 13 Ach thug Ierobòam air luchd feall‐fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall‐fhalaich air an cùlaibh. 14 Agus nuair a sheall Iùdah nan dèidh, feuch, bha an cath air am beulaibh agus air an cùlaibh: agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus rinn na sagartan fuaim le trompaidean. 15 Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah. 16 Agus theich clann Israeil ro Iùdah; agus thug Dia thairis iad nan làimh. 17 Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte. 18 Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean. 19 Agus lean Abiah an ruaig air Ierobòam, agus ghlac e uaithe mòr‐bhailtean: Betel le a bhailtean beaga, agus Iesanah le a bhailtean beaga, agus Ephron le a bhailtean beaga. 20 Agus cha d’fhuair Ierobòam neart nas mò ann an làithean Abiah: agus bhuail an Tighearna e, agus fhuair e bàs. 21 Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e ceithir‐mnathan‐deug, agus ghin e dà mhac ar fhichead, agus sia‑nigheanan‐deug. 22 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society