2 Eachdraidh 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chruinnich Rehoboam armailt a chogadh an aghaidh Israeil. 5 Na bailte daingnichte a thog e. 13 Thàinig na sagairt agus na Lèbhithich gu Ierusalem, a chionn gun do chuir Ieroboam iad o fhrithealadh nan dreuchd. 18 Mnathan agus clann Rehoboaim. 1 Agus nuair a thàinig Rehobòam gu Ierusalem, chruinnich e de thaigh Iùdah agus Bheniàmin ceud agus ceithir‐fichead mìle fear taghte, dèante ri cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a‑chum an rìoghachd a thoirt a‑rìs gu Rehobòam. 2 Ach thàinig facal an Tighearna gu Semaiah òglach Dhè, ag ràdh, 3 Labhair ri Rehobòam, mac Sholaimh, rìgh Iùdah, agus ri Israel uile ann an Iùdah agus ann am Beniàmin, ag ràdh, 4 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cha tèid sibh suas, agus cha chog sibh ri ur bràithrean: tillibh, gach fear a dh’ionnsaigh a thaighe; oir leamsa rinneadh an nì seo. Agus dh’èisd iad ri briathran an Tighearna, agus thill iad o dhol an aghaidh Ierobòaim. 5 Agus ghabh Rehobòam còmhnaidh ann an Ierusalem, agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: 6 Thog e eadhon Betlehem, agus Etam, agus Tecòa, 7 Agus Bet‐sur, agus Socho, agus Adullam, 8 Agus Gat, agus Maresah, agus Siph, 9 Agus Adoraim, agus Lachis, agus Asecah, 10 Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron, a tha ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin, nam bailtean daingnichte. 11 Agus neartaich e na daingnichean, agus chuir e ceannardan annta, agus taisgeachan bìdh, agus ola, agus fìona. 12 Agus anns gach baile fa leth chuir e sgiathan agus sleaghan, agus rinn e ro‑làidir iad; oir bha Iùdah agus Beniàmin aige air a thaobh. 13 Agus thàinig na sagartan agus na Lèbhithich, a bha ann an Israel uile, da ionnsaigh as an crìochan uile: 14 (Oir dh’fhàg na Lèbhithich am fo‑bhailtean agus an sealbh, agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem; a chionn gun do chuir Ierobòam agus a mhic iad a fhrithealadh ann an dreuchd nan sagart don Tighearna. 15 Agus rinn e dha fhèin sagartan airson nan àitean àrda, agus airson dhiabhal, agus airson nan laogh a rinn e.) 16 Agus nan dèidh‐san thàinig a‑mach a uile threubhan Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dia Israeil, gu Ierusalem, a dh’ìobradh don Tighearna Dia an athraichean. 17 Agus dhaingnich iad rìoghachd Iùdah, agus rinn iad Rehobòam mac Sholaimh làidir rè trì bliadhna; oir rè trì bliadhna ghluais iad ann an slighe Dhaibhidh agus Sholaimh. 18 Agus ghabh Rehobòam Mahalat nighean Ierimoit, mhic Dhaibhidh, dha fhèin, na mnaoi; Abihail mar an ceudna, nighean Eliaib, mhic Iese: 19 Agus rug ise dha clann; Ieus, agus Semariah, agus Saham. 20 Agus na dèidh‐se ghabh e Maachah, nighean Absaloim, a rug dha Abiah, agus Atai, agus Sisa, agus Selomit. 21 Agus ghràdhaich Rehobòam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choileabach uile; oir ghabh e dha fhèin ochd‐mnathan‐deug, agus trì‐fichead coileabach, agus ghin e ochd‐mic‐fhichead, agus trì‐fichead nighean. 22 Agus rinn Rehobòam na cheannard Abiah, mac Mhaacah, gu bhith na fhear‐riaghlaidh am measg a bhràithrean; oir smaoinich e air a dhèanamh na rìgh. 23 Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile de a mhic uile air feadh uile thìr Iùdah agus Bheniàmin, anns na bailtean daingnichte uile; agus thug e dhaibh pailteas bìdh. Agus dh’iarr e mòran bhan. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society