Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’innis Pòl an reuson airson, ged a b’aithne dha mòr‐thogradh nan Corintianach, an do chuir e Tìtus agus na bràithrean ro‑làimh dan ionnsaigh gu am brosnachadh gu dèirc a thoirt gu pailt, do bhrìgh gur gnè shìol‐chuir iad, 10 a bheir bàrr pailt dhaibh fhèin.

1 Oir a‑thaobh frithealaidh do na naoimh, is neo‐fheumail dhòmhsa sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh:

2 Oir is aithne dhomh togarrachd ur n‑inntinn, as leth a bheil mi a’ dèanamh uaill asaibhse ris na Macedònaich, ag ràdh gu robh Achaia ullamh o chionn bliadhna; agus bhrosnaich ur n‑eud‐se ro‑mhòran.

3 Gidheadh chuir mi na bràithrean dur n‑ionnsaigh, air eagal gum biodh ar n‑uaill‐ne asaibh dìomhain anns a’ chùis seo; a‑chum, mar a thubhairt mi, gum biodh sibh ullamh:

4 Air eagal ma thig na Macedònaich maille rium, agus gum faigh iad sibhse neo‐ullamh, gum bi nàire oirnne (gun a ràdh oirbhse), à dànadas na h‑uaille seo.

5 Uime sin bhreithnich mi gum b’fheumail impidh a chur air na bràithrean, iad a dhol air tùs dur n‑ionnsaigh‐se, agus ur tabhartas, air an do labhradh ribh roimhe, a dhèanamh deas, a‑chum gum biodh sin ullamh, mar thìodhlac, agus chan ann mar nì a dh’aindeoin.

6 Ach seo tha mi ag ràdh, An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an tì a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna.

7 Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

8 Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn‐leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.

9 (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Sgaoil e a chuid; thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd a‑ghnàth.

10 A‑nis an tì a bheir sìol don fhear‐chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd‐se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)

11 Air dhuibh a bhith air ur dèanamh saoibhir anns gach uile nì a‑chum gach uile thabhartais, nì a dh’obraicheas leinne breith‐buidheachais do Dhia.

12 Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith‐buidheachais do Dhia;

13 (Air dhaibh a bhith, tre dhearbhadh an fhrithealaidh seo, a’ toirt glòire do Dhia airson ur n‑ùmhlachd do shoisgeul Chrìosd a rèir ur n‑aidmheil, agus airson ur tabhartais fhialaidh dhaibhsan, agus do na h‑uile dhaoine:)

14 Agus tre an ùrnaigh air ur son‐se, aig a bheil mòr‐dhèidh oirbh airson gràs Dhè a tha ro‑phailt annaibh.

15 Buidheachas do Dhia airson a thìodhlaic do‑labhairt.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan