Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’earalaich Pòl na Corintianaich a‑chum glaine beatha, 2 agus a‑chum an inntinn a bhith aca dhàsan a tha aige dhaibh‐san: 3 air eagal gun saoileadh iad gun robh e a’ cur seo ann an amharas, chuir e an cèill dhaibh meud na comhfhurtachd a fhuair e na thrioblaidean, on sgeul a thug Tìtus dha air am bròn diadhaidh.

1 Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

2 Gabhaibh rinne: cha do rinn sinn eucoir air aon duine, cha do thruaill sinn aon duine, cha do mheall sinn aon duine.

3 Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan‐ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh.

4 Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh‐se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.

5 Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.

6 Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis:

7 Agus chan ann le a theachd‐san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian‐thogradh, ur caoidh, ur teas‐ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas.

8 Oir ged a chuir mi doilgheas oirbh leis an litir, chan eil aithreachas orm, ged a bha aithreachas orm: oir tha mi a’ faicinn gun do chuir an litir sin doilgheas oirbh, ged nach do rinn i seo ach rè tamaill.

9 A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh‐ne.

10 Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs.

11 Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian‐thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.

12 Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon‐san a rinn an eucoir, no air a shon‐san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram‐ne mur timcheall‐se ann am fianais Dhè.

13 Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd‐se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile.

14 Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris‐san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus.

15 Agus tha dùrachd a chridhe‐san nas pailte dur taobh‐se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball‐chrith.

16 Uime sin tha gàirdeachas orm gu bheil muinghinn agam annaibh anns gach nì.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan