Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Pòl an cèill gu robh e ann an dòchas glòire sìorraidh, agus le sùil rithe, agus ris a’ bhreith dheireannaich, a’ dèanamh dìchill air deagh chogais a choimhead; 12 chan ann a‑chum gun dèanadh e bòsd as fhèin a‑thaobh seo, 14 ach mar neach a fhuair beatha o Chrìosd, tha e dìcheallach a‑chum a bheatha a chaitheamh do Chrìosd a‑mhàin.

1 Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

2 Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh:

3 O air dhuinn a bhith air ar n‑èideadh, nach faighear lomnochd sinn.

4 Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha.

5 A‑nis an tì a dh’obraich sinn a‑chum seo fhèin is e Dia e, a thug dhuinn mar an ceudna geall‐daingnich an Spioraid.

6 Uime sin tha sinn a‑ghnàth deagh‐mhisneachail, air dhuinn fios a bhith againn am feadh a tha sinn aig an taigh anns a’ cholainn, gu bheil sinn air choigrich on Tighearna:

7 (Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

8 Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.

9 Uime sin tha sinn a’ dèanamh ar dìchill, a‑chum cò aca a bhios sinn an làthair no air choigrich, gum bi sinn taitneach dhàsan.

10 Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair‐bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

11 Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean‐se.

12 Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe.

13 Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse.

14 Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

15 Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.

16 Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.

17 Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.

18 Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;

19 Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.

20 Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

21 Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt‐pheacaidh air ar son‐se; a‑chum gum bitheamaid‐ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan