Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Air eagal gun cuireadh luchd‐teagaisg brèige as a leth gu robh e a’ dèanamh uaill gu dìomhain, nochd Pòl gu robh gràsa nan Corintianach nan adhbhar molaidh da mhinistrealachd. 6 Air seo choimeas e ministearan an lagha, agus an t‑soisgeil ri chèile, 12 agus dhearbh e gu robh a mhinistrealachd‐san ro òirdheirc.

1 An tòisich sinn a‑rìs air sinn fhèin a mholadh? No a bheil feum againn, mar aig dream àraidh, air litrichean molaidh dur n‑ionnsaigh‐se, no air litrichean molaidh uaibh?

2 Is sibhse ar litir‐ne a tha sgrìobhte nar cridheachan, air a h‑aithneachadh agus air a leughadh leis na h‑uile dhaoine:

3 Air dha a bhith follaiseach gur sibh litir Chrìosd, a fhrithealadh leinne, a tha air a sgrìobhadh chan ann le dubh, ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàir cloiche, ach air clàir feòil a’ chridhe.

4 Agus tha a leithid seo de dhòchas againn tre Chrìosd a‑thaobh Dhè:

5 Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd;

6 A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.

7 Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl;

8 Cionnas nach mò na sin a bhios ministrealachd an Spioraid glòrmhor?

9 Oir ma bha ministrealachd an dìtidh glòrmhor, is ro‑mhò na sin a bheir ministrealachd na fìreantachd barrachd ann an glòir.

10 Oir eadhon an nì a rinneadh glòrmhor, cha robh glòir sam bith aige anns a’ chàs seo, a‑thaobh na glòire a tha a’ toirt barrachd.

11 Oir ma bha an nì a chuireadh air cùl glòrmhor, is ro‑mhò na sin a tha an nì a bhuanaicheas glòrmhor.

12 Uime sin do bhrìgh gu bheil againn a shamhail seo de dhòchas, tha sinn a’ cleachdadh mòr‐dhànachd cainnte:

13 Agus chan eil sinn mar a bha Maois, a chuir còmhdach air a aghaidh, a‑chum nach amhairceadh clann Israeil gu geur gu crìch an nì a chuireadh air cùl.

14 Ach dhalladh an inntinnean: oir gus an là‑an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh, tha an còmhdach ceudna a’ fantainn gun atharrachadh, nì a chuireadh air cùl ann an Crìosd.

15 Ach eadhon gus an là‑an‑diugh, nuair a leughar Maois, tha an còmhdach air an cridhe.

16 Gidheadh nuair a thilleas e a‑chum an Tighearna, togar an còmhdach dheth.

17 A‑nis is e an Tighearna an Spiorad sin: agus far a bheil Spiorad an Tighearna, tha saorsa an sin.

18 Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan