Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Air do Phòl an reuson a chur an cèill airson nach tàinig e a dh’ionnsaidh nan Corintianach, 6 dh’iarr e orra maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt don duine a dhruideadh a‑mach leo as an eaglais, 10 eadhon mar a thug e fhèin mar an ceudna maitheanas dha, airson fhìor‐aithreachais.

1 Ach chuir mi seo romham annam fhèin, gun teachd a‑rìs fo dhoilgheas dur n‑ionnsaigh.

2 Oir ma nì mise duilich sibhse, cò e matà a nì subhach mise, ach an tì air an do chuireadh doilgheas leam?

3 Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.

4 Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.

5 Ach ma thug neach sam bith adhbhar doilgheis, cha do chuir e doilgheas ormsa, ach ann an cuid; a‑chum nach cuirinn ro‑uallach oirbh uile.

6 Is leòr da leithid sin de dhuine am peanas seo, a leagadh air le mòran.

7 Ionnas air an làimh eile, gur mò as còir dhuibh maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt dha, air eagal gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le anabarr doilgheis.

8 Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha.

9 Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean.

10 Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son‐se a thug mi e, am fianais Chrìosd;

11 Air eagal gum faigheadh Sàtan an cothrom oirnn: oir chan eil sinn aineolach air a innleachdan.

12 Os bàrr, nuair a thàinig mi gu Tròas a‑chum soisgeul Chrìosd a shearmonachadh, agus a dh’fhosgladh doras dhomh leis an Tighearna,

13 Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia.

14 A‑nis buidheachas do Dhia, a tha a‑ghnàth a’ toirt oirnne buadhachadh ann an Crìosd, agus a tha a’ foillseachadh deagh fhàile a eòlais fhèin leinn anns gach àite.

15 Oir tha sinne do Dhia nar fàile cùbhraidh Chrìosd, anns an dream a thèarnar, agus anns an dream a sgriosar:

16 Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?

17 Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan