Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thug an t‑abstol Pòl misneach do na Corintianaich an aghaidh thrioblaidean a‑thaobh na comhfhurtachd agus an fhuasglaidh a thug Dia dhàsan na uile thrioblaidean fhèin, 8 gu sònraichte na chunnart anns an Asia: 12 agus ghairm e an cogais‐san, agus a chogais fhèin a‑chum fianais gun do shearmonaich e an soisgeul gu treibhdhireach, etc.

1 Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:

2 Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

3 Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd;

4 A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

5 Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd.

6 Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann airson ur comhfhurtachd agus ur slàinte‐se, a tha air a h‑obrachadh le sibh a dh’fhulang nam fulangas ceudna, a tha sinne a’ fulang: no mas comhfhurtachd dhuinn is ann a‑chum ur comhfhurtachd agus ur slàinte‐se.

7 Agus tha ar dòchas daingeann dur taobh‐se, do bhrìgh gu bheil fhios againn, mar a tha sibh nur luchd‐compàirt de na fulangasan, gum bi sibh mar an ceudna den chomhfhurtachd.

8 Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:

9 Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh:

10 Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;

11 Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran.

12 Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon‐fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh‐se.

13 Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh‐se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch;

14 Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas‐ne ann an là an Tighearna Iosa.

15 Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath‐ghràs;

16 Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa.

17 Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh?

18 Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh.

19 Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg‐se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.

20 Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh‐ne.

21 A‑nis an tì a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Crìosd, agus a dh’ung sinn, is e Dia:

22 Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall‐daingnich an Spioraid nar cridheachan.

23 Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.

24 Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh‐se, ach is luchd‐cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan