1 Timòteus 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ro‑innis Pòl gun tèid daoine anns na h‑aimsirean deireannach air seacharan on chreidimh: 6 agus a‑chum nach bitheadh Timòteus a dhèidh‐làimh na dhleasdanas, thug e comhairlean eugsamhail air. 1 A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan; 2 Tre cheilg bhreugairean, air a bhith dan cogaisean air an losgadh le iarann dearg; 3 A’ toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh biadhan a sheachnadh, a chruthaich Dia a‑chum an gabhail maille ri breith‐buidheachais leòsan a tha a’ creidsinn, agus aig a bheil eòlas na fìrinn. 4 Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus chan ion nì sam bith a dhiùltadh, a ghabhar le breith‐buidheachais: 5 Oir tha e air a naomhachadh le facal Dhè agus le ùrnaigh. 6 Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas: 7 Ach diùlt sgeulachdan mì‑dhiadhaidh sheana bhan, agus cleachd thu fhèin a‑chum diadhachd. 8 Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd. 9 Is ràdh fìor seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris. 10 Oir is ann uime seo a tha sinn an dà chuid ri saothair, agus a’ fulang maslaidh, do bhrìgh gu bheil dòchas againn anns an Dia bheò, neach as e Slànaighear nan uile dhaoine, gu h‑àraidh nan creidmheach. 11 Aithn agus teagaisg na nithean seo. 12 Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh‐beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine. 13 Gus an tig mi, thoir an aire do leughadh, do earail, do theagasg. 14 Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort. 15 Smaoinich air na nithean sin; thoir thu fhèin gu tur dhaibh, a‑chum gum bi do theachd air d’aghaidh follaiseach do na h‑uile. 16 Thoir aire dhut fhèin, agus dod theagasg; buanaich annta: oir le seo a dhèanamh, saoraidh tu araon thu fhèin, agus iadsan a tha ag èisdeachd riut. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society