1 Timòteus 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ciod iad na buadhan as còir a bhith air na h‑easbaigean, agus air na dèaconan, agus air am mnathan: 14 agus carson a sgrìobh Pòl na nithean seo gu Timòteus. 15 Mu thimcheall na h‑eaglais, agus na fìrinn beannaichte a tha air a teagasg innte. 1 Is ràdh fìor seo, Ma tha togradh aig duine air bith a‑chum dreuchd easbaig, tha e a’ miannachadh deagh obrach. 2 Uime sin is còir do easbaig a bhith neo‐lochdach, na fhear aon mhnà, faireil, ciallach, deagh‐bheusach, fialaidh, ealamh gu teagasg; 3 Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo‐thuasaideach, neo‐shanntach; 4 Na dhuine a riaghlas a thaigh fhèin gu math, aig a bheil a chlann fo smachd maille ris an uile shuidheachadh inntinn; 5 (Oir mura aithne do dhuine a thaigh fhèin a riaghladh, cionnas a ghabhas e cùram de eaglais Dhè?) 6 Gun a bhith na nuadh‐chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail. 7 Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail. 8 Mar an ceudna is còir do na dèaconan a bhith suidhichte, gun an teanga a bhith leam‐leat, gun a bhith cionail air mòran fìona, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich, 9 A’ cumail rùn‐diamhair a’ chreidimh ann an cogais ghlain. 10 Agus biodh iadsan mar an ceudna air an dearbhadh an toiseach; agus an sin gnàthaicheadh iad dreuchd dèacoin, air dhaibh a bhith air am faghail neo‐choireach. 11 Is amhail sin is còir do na mnathan a bhith suidhichte, gun a bhith nan luchd‐tuaileis; ach a bhith measarra, ionraic anns na h‑uile nithean. 12 Biodh na dèacoin nam fir aon mhnà, a’ riaghladh an cloinne, agus an taighe fhèin gu math. 13 Oir an dream a ghnàthaich dreuchd dèacoin gu math, tha iad a’ cosnadh deagh cheum dhaibh fhèin, agus dànachd mhòr anns a’ chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd. 14 Tha mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo ad ionnsaigh an dòchas teachd gu grad ad ionnsaigh: 15 Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn. 16 Agus gun amharas is mòr rùn‐diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society