Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha an t‑òrdagh a thugadh do Thimòteus an uair a chaidh Pòl do Mhacedonia, air a chur an cuimhne dha. 5 Mu thimcheall feum dligheach an lagha. 11 Agus gairm Phòil gu bhith na abstol; 20 agus mu thimcheall Himenèuis agus Alecsander.

1 Pòl, abstol Iosa Crìosd, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear, agus an Tighearna Iosa Crìosd, neach as e ar dòchas;

2 A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.

3 Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;

4 Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin.

5 A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo‐chealgach:

6 Nithean air do dhream àraidh claonadh uapa, chaidh iad a thaobh a‑chum dìomhanas cainnte;

7 A’ miannachadh a bhith nan luchd‐teagaisg an lagha agus gun iad a’ tuigsinn ciod a tha iad ag ràdh, no ciod iad mum bheil iad a’ toirt cinnte.

8 Ach tha fhios againn gu bheil an lagh math, ma ghnàthaicheas neach gu dligheach e:

9 Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo‐dhligheach agus eas‐umhail, dhaibh‐san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo‐chràbhach, do luchd‐marbhaidh athraichean agus do luchd‐marbhaidh mhàthraichean, do luchd‐mortaidh,

10 Do luchd‐strìopachais, do luchd‐ana‑miannan mì‑nàdarra, do luchd‐goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd‐eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

11 A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa.

12 Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

13 A bha roimhe am fhear‐labhairt toibheim, agus am fhear geur‐leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

14 Agus bha gràs ar Tighearna thar tomhas ro‑phailt dhomh, maille ri creideamh, agus ri gràdh a tha ann an Iosa Crìosd.

15 Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad‐fhear.

16 Gidheadh, air a shon seo fhuair mi tròcair, a‑chum gum foillsicheadh Crìosd annamsa air tùs an uile fhad‐fhulangas, mar eisempleir dhaibhsan a chreideadh ann, an dèidh seo, a‑chum na beatha maireannaich.

17 A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo‐thruaillidh, neo‐fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen.

18 An àithne seo tha mi ag earbsa riut, a Thimòteuis, a mhic, a rèir na fàidheadaireachd a rinneadh umad roimhe seo, a‑chum trìdsan gun cogadh tu deagh chogadh;

19 A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long‐bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh.

20 Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan