1 Samuel 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir na Philistich àirc Dhè ann an taigh Dhàgoin ann an Asdod. 6 Bhuail an Tighearna muinntir Asdoid le neasgaidean fala. 8 Thug na Philistich àirc Dhè gu Gat, agus à sin gu Ecron. 1 Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben‐eser gu Asdod. 2 An sin ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad i do thaigh Dhàgoin, agus shuidhich iad i làimh ri Dàgon. 3 Agus nuair a dh’èirich muinntir Asdoid gu moch air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus ghabh iad Dàgon, agus chuir iad a‑rìs e na àite fhèin. 4 Agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn air an là màireach, feuch, bha Dàgon air tuiteam air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir fa chomhair àirc an Tighearna: agus bha ceann Dhàgoin, agus dà bhois a làmh air an gearradh dheth aig an stairsnich: dh’fhàgadh a‑mhàin com Dhàgoin aige. 5 Uime sin cha saltair sagartan Dhàgoin, no neach air bith a thèid a‑steach do thaigh Dhàgoin, air stairsnich Dhàgoin ann an Asdod gus an là‑an‑diugh. 6 Ach bha làmh an Tighearna trom air muinntir Asdoid, agus sgrios e iad, agus bhuail e iad le neasgaidean fala, eadhon Asdod agus a chrìochan. 7 Agus nuair a chunnaic daoine Asdoid gu robh e mar sin, thubhairt iad, Chan fhan àirc Dia Israeil maille rinne; oir tha a làmh trom oirnn agus air Dàgon ar Dia. 8 Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat. 9 Agus nuair a thug iad mun cuairt i, bha làmh an Tighearna an aghaidh a’ bhaile le sgrios ro‑mhòr, agus bha neasgaidean fala aca nan àitean diamhair. 10 Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh‐ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh. 11 Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin. 12 Agus na daoine nach do bhàsaich bhuaileadh iad le neasgaidean fala; agus chaidh èigheach a’ bhaile suas gu nèamh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society