Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Bhuaileadh clann Israeil ro na Philistich. 11 Ghlacadh àirc Dhè, agus mharbhadh Hophni agus Phinehas. 18 Bàs Eli.

1 Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben‐eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.

2 Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear.

3 Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.

4 Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.

5 Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna don champ, dh’èigh Israel uile le iolaich mhòir, agus fhreagair an talamh don fhuaim.

6 Agus chuala na Philistich fuaim na h‑iolaich, agus thubhairt iad, Ciod as ciall do fhuaim na h‑iolaich mhòir seo ann an camp nan Eabhraidheach? Agus thuig iad gu robh àirc an Tighearna air teachd don champ.

7 Agus bha eagal air na Philistich, oir thubhairt iad, Tha diathan air teachd don champ: agus thubhairt iad, Mo thruaighe sinne! oir cha robh a leithid seo de nì riamh roimhe ann:

8 Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.

9 Bithibh làidir, agus bithibh fearail, O sibhse Philistich, a‑chum nach bi sibh nur tràillean aig na h‑Eabhraidhich, mar a bha iadsan nan tràillean agaibhse: bithibh matà fearail, agus cogaibh.

10 Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich‐mìle‐fichead coisiche.

11 Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.

12 Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann.

13 Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile.

14 Agus nuair a chuala Eli fuaim na h‑èighich, thubhairt e, Ciod as ciall do fhuaim na conghair seo? Agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli.

15 A‑nis bha Eli ochd‐bliadhna‑deug agus ceithir‐fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall, air chor is nach faiceadh e gu math.

16 Agus thubhairt an duine ri Eli, Is mise esan a thàinig a‑mach as an armailt, agus theich mise an‑diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic?

17 Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel ro na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t‑sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac, Hophni agus Phinehas, marbh, agus ghlacadh àirc Dhè.

18 Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna.

19 Agus bha a bhan‐chliamhainn, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhith air a h‑asaid: agus nuair a chuala i an sgeul gun do ghlacadh àirc Dhè, agus gu robh a h‑athair‐cèile marbh, agus a fear, chrom i i fhèin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair‐chloinne oirre.

20 Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.

21 Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar‐cèile agus a fir:)

22 Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhè.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan