Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 29 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Bha fearg air ceannardan nam Philisteach do bhrìgh gun tug Achis Daibhidh maille ris. 6 Chuir Achis air falbh e.

1 A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.

2 Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis.

3 An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh?

4 Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?

5 Nach e seo Daibhidh, mun do chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean?

6 An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean‐sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.

7 A‑nis matà till, agus imich ann an sìth, a‑chum nach dèan thu nì a tha olc ann an sùilean tighearnan nam Philisteach.

8 Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh?

9 Agus fhreagair Achis agus thubhairt e ri Daibhidh, Tha fhios agam gu bheil thu math; ann am shùilean‐sa tha thu mar aingeal Dhè: gidheadh, thubhairt tighearnan nam Philisteach, Cha tèid e suas maille rinne don chath.

10 A‑nis matà èirich gu moch anns a’ mhadainn maille ri seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus cho luath is a dh’èireas sibh anns a’ mhadainn, agus a bhios solas agaibh, imichibh.

11 Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine moch‐eirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan