1 Samuel 20 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’ath‐nuadhaich Daibhidh agus Ionatan an coicheangal a bha eatorra. 24 Dh’iarr Saul Ionatan a mharbhadh, a chionn gun do leig e Daibhidh air falbh. 35 Dh’innis Ionatan a chunnart do Dhaibhidh; 41 agus dhealaich iad. 1 Agus theich Daibhidh o Naiot ann an Ramah, agus thàinig e, agus thubhairt e am fianais Ionatain, Ciod a rinn mi? Ciod e m’euceart, agus ciod e mo pheacadh am fianais d’athar, gu bheil e ag iarraidh m’anama? 2 Agus thubhairt esan ris, Nar leigeadh Dia; chan fhaigh thu bàs: feuch, cha dèan m’athair nì air bith mòr no beag nach foillsich e dhòmhsa; agus carson a dh’fhalaicheadh m’athair uamsa an nì seo? Cha bhi e mar sin. 3 Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh‐ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs. 4 An sin thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Ge bè nì a dh’iarras d’anam, eadhon sin nì mise dhut. 5 Agus thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Feuch, tha a’ ghealach nuadh ann a‑màireach, agus bu chòir dhòmhsa suidhe maille ris an rìgh gu biadh; ach leig air falbh mi, a‑chum gum falaich mi mi fhèin anns a’ mhachair gu feasgar an treas là. 6 Ma dh’ionndrainneas d’athair idir mi, an sin their thu, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa gu ruith do Bhetlehem, a bhaile fhèin; oir tha ìobairt bhliadhnail an sin airson an teaghlaich uile. 7 Ma their e mar seo, Ro‑mhath; bidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro‑mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shònrachadh leis. 8 Uime sin buinidh tu gu coibhneil rid sheirbhiseach; oir thug thu air do sheirbhiseach coicheangal an Tighearna a dhèanamh riut: gidheadh, ma tha olc annamsa, marbh fhèin mi; oir carson a bheireadh tu mi a dh’ionnsaigh d’athar? 9 Agus thubhairt Ionatan, Guma fada sin uat; oir ma bhios fios gu cinnteach agamsa gu bheil olc air a shònrachadh lem athair gu teachd ortsa, an sin nach innis mise dhut e? 10 An sin thubhairt Daibhidh ri Ionatan, Cò a dh’innseas dhomh, ma fhreagras d’athair thu gu garg? 11 Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Thig, agus rachamaid a‑mach don mhachair. Agus chaidh iad a‑mach le chèile don mhachair. 12 Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Gun dèanadh an Tighearna, Dia Israeil, nuair a dh’fhidireas mi m’athair mun àm seo a‑màireach, no air an treas là, agus, feuch, ma bhios math ann a‑thaobh Dhaibhidh, agus nach cuir mi an sin fios ad ionnsaigh‐sa, agus nach foillsich mi dhut e; 13 Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair‐sa. 14 Agus chan e a‑mhàin, ma bhios mi fhathast beò, gun nochd thu dhomh coibhneas an Tighearna, a‑chum nach faigh mi bàs: 15 Ach cuideachd cha gheàrr thu as do choibhneas om thaigh gu bràth: cha gheàrr, eadhon nuair a ghearras an Tighearna as naimhdean Dhaibhidh, gach aon dhiubh bhàrr aghaidh na talmhainn. 16 Mar sin rinn Ionatan coicheangal ri taigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gun agradh an Tighearna e eadhon o làimh naimhdean Dhaibhidh. 17 Agus thug Ionatan air Daibhidh mionnachadh a‑rìs, a chionn gun do ghràdhaich e e: oir ghràdhaich e e mar a ghràdhaich e a anam fhèin. 18 An sin thubhairt Ionatan ris, A‑màireach tha a’ ghealach nuadh ann; agus ionndrainnear thu, a chionn gum bi d’àite‐suidhe falamh. 19 Agus nuair a dh’fhanas tu gus an treas là, thèid thu sìos gu grad, agus thig thu a dh’ionnsaigh an àit anns an d’fhalaich thu thu fhèin, nuair a bha an gnothach an làimh, agus fanaidh tu aig a’ chloich Esel. 20 Agus tilgidh mise trì saighdean ra taobh, mar gun tilginn air comharradh. 21 Agus, feuch, cuiridh mi òganach uam, ag ràdh, Falbh, faigh a‑mach na saighdean. Ma their mi gu cinnteach ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh seo dhìot, gabh iad; an sin thig thusa: oir tha sìth ann dhut, agus chan eil olc sam bith, mar as beò an Tighearna. 22 Ach ma their mi mar seo ris an òganach, Feuch, tha na saighdean air an taobh thall dhìot; imich thusa, oir chuir an Tighearna air falbh thu. 23 Agus a‑thaobh a’ ghnothaich mun do labhair mise agus thusa, feuch, gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa gu bràth. 24 Uime sin dh’fhalaich Daibhidh e fhèin anns a’ mhachair: agus nuair a thàinig a’ ghealach nuadh, shuidh an rìgh sìos gu biadh ithe. 25 Agus shuidh an rìgh air a chathair fhèin, mar air uairean eile, eadhon air cathair làimh ris a’ bhalla: agus dh’èirich Ionatan, agus shuidh Abner ri taobh Shauil: agus bha àite Dhaibhidh falamh. 26 Gidheadh, cha do labhair Saul a’ bheag sam bith air an là sin: oir thubhairt e leis fhèin, Thàinig nì‑eigin air, chan eil e glan: gu cinnteach chan eil e glan. 27 Agus thachair an là màireach, an dara là den mhìos, gu robh àite Dhaibhidh falamh: agus thubhairt Saul ra mhac Ionatan, Carson nach tàinig mac Iese gu biadh, aon chuid an‑dè no an‑diugh? 28 Agus fhreagair Ionatan Saul, Dh’iarr Daibhidh gu dùrachdach cead ormsa dol do Bhetlehem: 29 Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, guidheam ort, oir tha ìobairt aig ar teaghlach anns a’ bhaile; agus dh’àithn mo bhràthair dhomh a bhith an sin: agus a‑nis, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shùilean, leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhràithrean fhaicinn: uime sin cha tàinig e gu bòrd an rìgh. 30 An sin las fearg Shauil an aghaidh Ionatain, agus thubhairt e ris, A mhic na mnà crosda ceannaircich, nach eil fhios agamsa gun do thagh thu mac Iese a‑chum do mhaslaidh fhèin, agus a‑chum masladh lomnochdaidh do mhàthar? 31 Oir cho fada is a bhios mac Iese beò air an talamh, cha daingnichear thusa no do rìoghachd: uime sin a‑nis cuir fios air, agus thoir am ionnsaigh e, oir gu cinnteach gheibh e bàs. 32 Agus fhreagair Ionatan a athair Saul, agus thubhairt e, Carson a chuirear gu bàs e? Ciod a rinn e? 33 Agus thilg Saul sleagh air, a‑chum a bhualadh: le sin bha fios aig Ionatan gu robh e suidhichte le a athair Daibhidh a chur gu bàs. 34 Uime sin dh’èirich Ionatan on bhòrd ann am feirg ro‑mhòir, agus cha d’ith e biadh sam bith air an dara là den mhìos: oir bha e fo dhoilgheas airson Dhaibhidh, a chionn gun tug a athair masladh dha. 35 Agus anns a’ mhadainn chaidh Ionatan a‑mach don mhachair aig an àm a shuidhicheadh ri Daibhidh, agus òganach beag maille ris. 36 Agus thubhairt e ra òganach, Ruith, faigh a‑nis a‑mach na saighdean a thilg mi. Agus nuair a ruith an t‑òganach, thilg e saighead thairis air. 37 Agus nuair a thàinig an t‑òganach gu àite na saighde a thilg Ionatan, ghlaodh Ionatan an dèidh an òganaich, agus thubhairt e, Nach eil an t‑saighead air do thaobh thall? 38 Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an dèidh an òganaich, Luathaich, dèan cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a mhaighistir. 39 Ach cha robh fhios aig an òganach air nì sam bith; bha fhios a‑mhàin aig Daibhidh agus Ionatan air a’ chùis. 40 Agus thug Ionatan a armachd da òganach, agus thubhairt e ris, Falbh, thoir don bhaile iad. 41 Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò. 42 Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd‐sa agus do shliochd‐sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society