Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ghràdhaich Ionatan Daibhidh. 10 Dh’fhuathaich Saul e, agus dh’iarr e a mharbhadh. 22 Thug e Michal a nighean dha na mnaoi.

1 Agus thàrladh nuair a chuir e crìoch air labhairt ri Saul, gun do cheangladh anam Ionatain ri anam Dhaibhidh, agus ghràdhaich Ionatan e mar a anam fhèin.

2 Agus ghabh Saul da ionnsaigh e air an là sin, agus cha do leig e leis tilleadh nas mò gu taigh a athar.

3 An sin rinn Ionatan agus Daibhidh coicheangal, do bhrìgh gun do ghràdhaich e e mar a anam fhèin.

4 Agus chuir Ionatan dheth fhèin an fhallaing a bha air, agus thug e do Dhaibhidh i, agus a èideadh eadhon gu a chlaidheamh, agus gu a bhogha, agus gu a chrios.

5 Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear‐cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.

6 Agus nuair a bha iad a’ teachd an dèidh do Dhaibhidh tilleadh o mharbhadh an Philistich, thàinig na mnathan a‑mach à uile bhailtean Israeil, a’ seinn agus a’ dannsa an coinneamh an rìgh Saul, le tiompanan, le gàirdeachas, agus le innealan‐ciùil trì‐theudach.

7 Agus fhreagair na mnathan a chèile nuair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean.

8 Agus bha Saul ro‑fheargach, agus mhì‐thaitinn an ràdh sin ris; agus thubhairt e, Thug iad do Dhaibhidh deich mìltean, agus dhòmhsa cha tug iad ach mìltean; agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas a bhith aige ach an rìoghachd?

9 Agus chùm Saul sùil air Daibhidh on là sin, agus o sin a‑mach.

10 Agus air an là màireach thàinig an droch spiorad o Dhia air Saul, agus rinn e fàidheadaireachd ann am meadhon an taighe; agus chluich Daibhidh le a làimh, mar air uairean eile: agus bha sleagh ann an làimh Shauil.

11 Agus thilg Saul an t‑sleagh, agus thubhairt e, Buailidh mi Daibhidh leatha gu ruig am balla: ach tharraing Daibhidh as a làthair dà uair.

12 Agus bha eagal air Saul ro Dhaibhidh, do bhrìgh gu robh an Tighearna maille ris, agus gun d’imich e o Shaul.

13 Uime sin chuir Saul air falbh uaithe e, agus rinn e na cheannard dha fhèin os cionn mìle e; agus chaidh e a‑mach, agus thàinig e a‑steach ron t‑sluagh.

14 Agus ghiùlain Daibhidh e fhèin gu glic na shlighean uile; agus bha an Tighearna maille ris.

15 Agus nuair a chunnaic Saul gun do ghiùlain e e fhèin gu ro‑ghlic, bha eagal air roimhe.

16 Ach ghràdhaich Israel uile agus Iùdah Daibhidh, do bhrìgh gun deachaidh e a‑mach agus gun tàinig e a‑steach romhpa.

17 Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Feuch, mo nighean as sine, Merab, ise bheir mi dhut na mnaoi: a‑mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon‐sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh‐sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air.

18 Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh?

19 Ach anns an àm anns am bu chòir do Mherab nighean Shauil a bhith air a tabhairt do Dhaibhidh, thugadh i do Adriel am Meholatach na mnaoi.

20 Agus ghràdhaich Michal, nighean Shauil, Daibhidh; agus dh’innis iad sin do Shaul, agus thaitinn an nì ris.

21 Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh.

22 Agus dh’àithn Saul da sheirbhisich, ag ràdh, Labhraibh ri Daibhidh an uaigneas, ag ràdh, Feuch, tha tlachd aig an rìgh annad, agus tha gràdh aig a sheirbhisich uile dhut: a‑nis uime sin bi‑sa ad chliamhainn aig an rìgh.

23 Agus labhair seirbhisich Shauil na briathran seo ann an cluasan Dhaibhidh: agus thubhairt Daibhidh, An nì faoin nur sùilean‐se a bhith ann an cleamhnas ri rìgh, agus nach eil annamsa ach duine bochd, agus fo dhìmeas?

24 Agus dh’innis seirbhisich Shauil dha, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Daibhidh.

25 Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

26 Agus nuair a dh’innis a sheirbhisich do Dhaibhidh na briathran sin, thaitinn e ri Daibhidh a bhith na chliamhainn aig an rìgh: agus cha do chrìochnaicheadh na làithean.

27 Uime sin dh’èirich Daibhidh, agus dh’imich e fhèin agus a dhaoine, agus mharbh e de na Philistich dà cheud fear; agus thug Daibhidh leis an ro‑chraicnean, agus thug iad nan làn àireamh iad don rìgh, a‑chum gum biodh e na chliamhainn aig an rìgh: agus thug Saul dha Michal a nighean na mnaoi.

28 Agus chunnaic Saul, agus bha fhios aige gu robh an Tighearna maille ri Daibhidh, agus gun do ghràdhaich Michal nighean Shauil e.

29 Agus bha fhathast an tuilleadh eagail air Saul ro Dhaibhidh; agus bha Saul na nàmhaid do Dhaibhidh an còmhnaidh.

30 An sin chaidh ceannardan nam Philisteach a‑mach: agus an dèidh dhaibh dol a‑mach, ghiùlain Daibhidh e fhèin na bu ghlice na uile sheirbhisich Shauil: agus bha a ainm ro‑urramach.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan