1 Samuel 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chruinnicheadh slòigh nam Philisteach an ceann a chèile gu cath an aghaidh Israeil. 4 Thug Goliath dùbhlan do chloinn Israeil. 48 Mharbh Daibhidh e. 1 A‑nis chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chèile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iùdah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephes‐damim. 2 Agus chruinnicheadh Saul agus fir Israeil an ceann a chèile, agus champaich iad ann an gleann Elah, agus chuir iad an cath an òrdagh an aghaidh nam Philisteach. 3 Agus sheas na Philistich air sliabh air aon taobh, agus sheas Israel air sliabh air an taobh eile: agus bha gleann eatorra. 4 Agus thàinig curaidh a‑mach à camp nam Philisteach, dom b’ainm Goliath o Ghat, anns an robh sia làmhan‐coille agus rèis air àirde. 5 Agus bha clogaid umha air a cheann, agus bha e air èideadh le lùirich mhàilich; agus b’e cudthrom na lùiriche còig mìle secel umha. 6 Agus bha caiseart umha air a chasan, agus targaid umha eadar a ghuaillean. 7 Agus bha crann a shleagha mar gharman figheadair; agus bha ann an ceann a shleagha sia ceud secel iarainn; agus bha fear a’ giùlan sgèithe ag imeachd roimhe. 8 Agus sheas e, agus ghlaodh e ri slòigh Israeil, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ teachd a‑mach gu ur cath a chur an òrdagh? Nach Philisteach mise, agus nach seirbhisich sibhse do Shaul? Taghaibh dhuibh fhèin fear, agus thigeadh e a‑nuas am ionnsaigh‐sa. 9 Mas urrainn e còmhrag riumsa, agus ma mharbhas e mi, an sin bidh sinne nar seirbhisich agaibhse; ach ma bheir mise buaidh air‐san, agus gum marbh mi e, an sin bidh sibhse nur seirbhisich againne, agus nì sibh seirbhis dhuinn. 10 Agus thubhairt am Philisteach, Tha mi a’ toirt dùbhlain do shlòigh Israeil an‑diugh; faighibh dhòmhsa fear, a‑chum gun dèan sinn còmhrag ri chèile. 11 Nuair a chuala Saul agus Israel uile bhriathran sin an Philistich, bha iad fo uamhas, agus fo eagal mòr. 12 A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois. 13 Agus dh’imich an triùir mhac a bu shine aig Iese, agus chaidh iad an dèidh Shauil a‑chum a’ chogaidh; agus b’iad ainmean a thriùir mhac a chaidh a dh’ionnsaigh a’ chogaidh, Eliab an ciad‐ghin, agus na dhèidh‐san Abinadab, agus an treas mac Samah. 14 Agus b’e Daibhidh am mac a b’òige: agus chaidh an triùir a bu shine an dèidh Shauil. 15 Ach dh’fhalbh Daibhidh agus thill e o Shaul, a dh’ionaltradh caoraich a athar ann am Betlehem. 16 Agus tharraing am Philisteach am fagas anns a’ mhadainn agus mu fheasgar, agus nochd e e fhèin dà‑fhichead là. 17 Agus thubhairt Iese ri Daibhidh a mhac, Gabh a‑nis airson do bhràithrean ephah den t‑sìol chruadhaichte seo, agus na deich buileannan seo, agus ruith don champ a dh’ionnsaigh do bhràithrean; 18 Agus giùlain na deich mulchagan càise seo a dh’ionnsaigh ceannard am mìle‐san, agus seall cionnas a tha do bhràithrean, agus gabh an geall. 19 A‑nis bha Saul agus iadsan, agus fir Israeil uile, ann an gleann Elah, a’ cogadh ris na Philistich. 20 Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear‐gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais‐bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha: 21 Oir chuir Israel agus na Philistich iad fhèin an òrdagh catha, armailt an aghaidh armailt. 22 Agus dh’fhàg Daibhidh an t‑uidheam a chuir e dheth ann an làimh fear‐gleidhidh an uidheim, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilte air a bhràithrean. 23 Agus nuair a bha e a’ labhairt riu, feuch, thàinig an curaidh dom b’ainm Goliath, am Philisteach o Ghat, a‑nìos à armailt nam Philisteach, agus labhair e a rèir nam briathran ceudna: agus chuala Daibhidh iad. 24 Agus nuair a chunnaic fir Israeil uile an duine, theich iad roimhe, agus bha eagal mòr orra. 25 Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr‐shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel. 26 Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo‐thimcheall‐gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò? 27 Agus fhreagair an sluagh e air an dòigh seo, ag ràdh, Mar seo nìthear don duine a mharbhas e. 28 Agus chuala Eliab, a bhràthair a bu shine, nuair a labhair e ris na daoine: agus las fearg Eliaib an aghaidh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Carson a thàinig thu a‑nuas an seo? Agus cò aige a dh’fhàg thu am beagan chaorach sin anns an fhàsach? Tha mi fiosrach air d’uabhar agus olcas do chridhe; oir is ann a dh’fhaicinn a’ chatha a thàinig thu a‑nuas. 29 Agus thubhairt Daibhidh, Ciod a rinn mi a‑nis? Nach eil adhbhar air? 30 Agus thionndaidh e uaithe‐san a dh’ionnsaigh fir eile, agus labhair e air an dòigh cheudna: agus fhreagair an sluagh e a‑rìs a rèir na ciad dòigh. 31 Agus nuair a chualas na briathran a labhair Daibhidh, dh’aithris iad am fianais Shauil iad: agus chuir e fios air. 32 Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Na fannaicheadh cridhe duine sam bith air a shon‐san: thèid do sheirbhiseach agus cogaidh e ris an Philisteach seo. 33 Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Chan urrainn thusa dol an aghaidh an Philistich seo a chogadh ris: oir chan eil annadsa ach òganach, agus tha esan na fhear‐cogaidh o a òige. 34 Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Bha do sheirbhiseach ag ionaltradh caoraich a athar, agus thàinig leòmhann, agus math‐ghamhainn, agus thug e uan as an treud: 35 Agus chaidh mi a‑mach na dhèidh, agus bhuail mi e, agus shaor mi as a bheul e. Agus nuair a dh’èirich e am aghaidh, rug mi air fheusaig air, agus bhuail mi e, agus mharbh mi e. 36 Araon an leòmhann agus am math‐ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo‐thimcheall‐gheàrrte seo mar aon diùbh‐san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò. 37 Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath‐ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut. 38 Agus chuir Saul a èideadh fhèin air Daibhidh, agus chuir e clogad umha air a cheann; mar an ceudna chuir e lùireach air. 39 Agus chrioslaich Daibhidh a chlaidheamh air uachdar a èididh, agus dh’fheuch e ri imeachd, oir cha do chleachd e iad: agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Chan urrainn mi imeachd leo seo, oir cha do chleachd mi iad. Agus chuir Daibhidh dheth iad. 40 Agus ghabh e a bhata na làimh, agus thagh e dha fhèin còig clachan mìne on t‑sruth, agus chuir e iad ann am màla buachaille a bha aige, eadhon ann an sporan, agus bha a chrann‐tabhaill na làimh: agus tharraing e am fagas don Philisteach. 41 Agus thàinig am Philisteach air aghaidh agus tharraing e am fagas do Dhaibhidh; agus fear‐iomchair a sgèithe roimhe. 42 Agus nuair a dh’amhairc am Philisteach agus a chunnaic e Daibhidh, rinn e dìmeas air, a chionn gu robh e na òganach, agus ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis. 43 Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, An cù mise gun tigeadh tu am ionnsaigh le bataichean? Agus mhallaich am Philisteach Daibhidh ann an ainm a dhiathan. 44 Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, Thig am ionnsaigh‐sa, agus bheir mi d’fheòil do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na machrach. 45 An sin thubhairt Daibhidh ris an Philisteach, Tha thusa a’ teachd am ionnsaigh‐sa le claidheamh, agus le sleagh, agus le sgèith; ach tha mise a’ teachd ad ionnsaigh‐sa ann an ainm Tighearna nan sluagh, Dia armailtean Israeil, don tug thusa dùbhlan. 46 Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh‐sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh‐bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel. 47 Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh‐ne. 48 Agus nuair a dh’èirich am Philisteach, agus a thàinig e agus a tharraing e am fagas an coinneamh Dhaibhidh, an sin rinn Daibhidh cabhag, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt an coinneamh an Philistich. 49 Agus chuir Daibhidh a làmh na mhàla, agus ghabh e as a sin clach, agus thilg e as a chrann‐tabhaill, agus bhuail e am Philisteach ann an clàr a aodainn: agus chaidh a’ chlach a‑steach ann an clàr a aodainn, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir. 50 Mar sin thug Daibhidh buaidh air an Philisteach le crann‐tabhaill agus le cloich; agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e: ach cha robh claidheamh ann an làimh Dhaibhidh. 51 Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharraing e as a thruaill e, agus mharbh e e, agus gheàrr e dheth a cheann leis. Agus nuair a chunnaic na Philistich gu robh an gaisgeach marbh, theich iad. 52 Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron. 53 Agus thill clann Israeil o ruagadh nam Philisteach, agus chreach iad an camp. 54 Agus ghabh Daibhidh ceann an Philistich, agus thug e leis e gu Ierusalem: ach chuir e a armachd na bhùth. 55 Agus nuair a chunnaic Saul Daibhidh a’ dol a‑mach an aghaidh an Philistich, thubhairt e ri Abner, ceannard an t‑sluaigh, Abneir, cò dom mac an t‑òganach seo? Agus thubhairt Aber, Mar as beò d’anam, O a rìgh, chan eil fhios agam. 56 Agus thubhairt an rìgh, Feòraich thusa cò dom mac an t‑òganach seo. 57 Agus nuair a thill Daibhidh o mharbhadh an Philistich, ghabh Abner e, agus thug e am fianais Shauil e, le ceann an Philistich na làimh. 58 Agus thubhairt Saul ris, Cò dom mac thu, òganaich? Agus fhreagair Daibhidh, Is mi mac do sheirbhisich Iese, am Betlehemeach. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society