1 Rìgh 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Solamh agus seanairean Israeil an àirc suas don ionad naomh. 14 Bheannaich Solamh an coitheanal. 22 Rinn e ùrnaigh ri Dia. 62 Thug e seachad ìobairtean thabhartas‐sìth. 1 An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu rìgh Solamh ann an Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh; is e sin Sion. 2 Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagartan an àirc. 4 Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàillean a’ choitheanail, agus an t‑uidheam naomh uile a bha anns a’ phàillean; eadhon iad sin thug na sagartan agus na Lèbhithich suas. 5 Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd. 6 Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth‐àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub. 7 Oir sgaoil na ceruban a‑mach an sgiathan os cionn àite na h‑àirce, agus chòmhdaich na ceruban an àirc, agus a lunnan gu h‑àrd. 8 Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn as an ionad naomh fa chomhair a’ ghuth‐àite, ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh. 9 Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit. 10 Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh, lìon an neul taigh an Tighearna, 11 Air chor is nach b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh leis an neul: oir lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna. 12 An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh. 13 Gu dearbh thog mise taigh‐còmhnaidh dhut, àite deas a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth. 14 Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh): 15 Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh, 16 On là air an tug mi mo shluagh Israel a‑mach as an Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israel a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin: ach thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel. 17 Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athair, taigh a thogail do ainm an Tighearna, Dia Israeil. 18 Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh m’athair, A chionn gu robh e ann ad chridhe taigh a thogail dom ainm‐sa, is math a rinn thu gu robh e ann ad chridhe: 19 Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm‐sa. 20 Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh‐chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil. 21 Agus shuidhich mi an sin àite don àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri ar n‑athraichean, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit. 22 Agus sheas Solamh air beulaibh altair an Tighearna, ann an làthair uile choitheanal Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh: 23 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe: 24 A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh. 25 A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine am fhianais‐sa, a shuidheas air rìgh‐chathair Israeil; ma bheir a‑mhàin do chlann an aire dan slighe, le gluasad ann am fhianais‐sa, mar a ghluais thusa ann am fhianais. 26 Agus a‑nis, a Dhè Israeil, daingnichear, guidheam ort, d’fhacal, a labhair thu rid òglach Daibhidh m’athair. 27 Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise? 28 Gidheadh amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh, a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ann ad fhianais an‑diugh: 29 A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là; eadhon ris an àite mun dubhairt thu, Bidh m’ainm an sin: a‑chum gun èisd thu ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo. 30 Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite‐còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh. 31 Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig am mionnan air beulaibh d’altarach anns an taigh seo; 32 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, a’ dìteadh an aingidh, gu a shlighe a thabhairt air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a thabhairt dha a rèir a fhìreantachd. 33 Nuair a bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus a thilleas iad riut, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a nì iad ùrnaigh, agus a ghuidheas iad ort anns an taigh seo; 34 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dan athraichean. 35 Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh‐sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad; 36 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath anns an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air d’fhearann, a thug thu dod shluagh mar oighreachd. 37 Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar‐dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann; 38 Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, ma bhios fios aig gach aon air plàigh a chridhe fhèin, agus ma sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo; 39 An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, agus maith, agus dèan, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe; (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin a tha fhios air cridheachan uile chlann nan daoine:) 40 A‑chum gum bi eagal orra romhadsa rè nan uile làithean a bhios iad beò anns an fhearann, a thug thu dar n‑athraichean. 41 Os bàrr, a‑thaobh coigrich nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth d’ainme‐sa; 42 (Oir cluinnidh iad mud ainm mòr‐sa, agus mud làimh làidir, agus do ghàirdean sìnte a‑mach:) nuair a thig e agus a nì e ùrnaigh a dh’ionnsaigh an taighe seo; 43 Eisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut: air chor is gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm‐sa, a‑chum gum bi eagal orra romhad mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gu bheil an taigh seo a thog mise air ainmeachadh ort. 44 Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm; 45 An sin èisd thusa o na nèamhan rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus seas an còir. 46 Ma pheacaicheas iad ad aghaidh, (oir chan eil duine ann nach peacaich,) agus gun las d’fhearg nan aghaidh, agus gun toir thu thairis iad dan naimhdean, agus gun toir iad leo nam braighdean iad do thìr an naimhdean, am fad no am fagas; 47 Gidheadh, ma nì iad aithreachas nan cridhe anns an tìr dan tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma ghuidheas iad ort ann an tìr na muinntir a thug leo nam braighdean iad, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, rinn sinn gu h‑aingidh; 48 Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh‐sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm; 49 An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite‐còmhnaidh, rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus seas an còir. 50 Agus maith dod shluagh a pheacaich ad aghaidh, agus an easaontais uile a rinn iad ad aghaidh, agus faigh truas dhaibh an làthair na muinntir a thug leo nam braighdean iad, a‑chum gun gabh iad truas riu: 51 Oir is iad do shluagh‐sa agus d’oighreachd iad, a thug thu a‑mach as an Eiphit, à meadhon na h‑àmhainn iarainn: 52 A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ri athchuinge do sheirbhisich, agus ri athchuinge do shluaigh Israel, a dh’èisdeachd riu anns gach nì mun gairm iad ort. 53 Oir dhealaich thu iad a‑chum oighreachd dhut fhèin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois, d’òglach fhèin, nuair a thug thu ar n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, a Thighearna Dhè. 54 Agus nuair a chuir Solamh crìoch air an ùrnaigh seo uile a dhèanamh ris an Tighearna, agus an athchuinge seo, dh’èirich e o bheulaibh altair an Tighearna, o e fhèin a lùbadh air a ghlùinean, agus a làmhan sgaoilte a dh’ionnsaigh nan nèamh: 55 Agus sheas e, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil, le guth mòr ag ràdh, 56 Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin. 57 Gu robh an Tighearna ar Dia maille rinne, mar a bha e maille ri ar n‑athraichean: na fàgadh e sinn, agus na trèigeadh e sinn; 58 A‑chum gun aom e ar cridhe thuige fhèin, a ghluasad na shlighean uile, agus a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a dh’àithn e dar n‑athraichean. 59 Agus gu robh na briathran seo agamsa, leis an do chuir mi suas athchuinge am fianais an Tighearna, am fagas don Tighearna ar Dia a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun seas e còir a sheirbhisich, agus còir a shluaigh Israel, anns gach àm, mar a dh’iarras a’ chùis: 60 A‑chum gum bi fhios aig uile shluagh na talmhainn gur e an Tighearna as Dia ann, agus nach eil ann ach e. 61 Biodh ur cridhe uime sin iomlan leis an Tighearna ar Dia, a ghluasad na reachdan, agus a ghleidheadh a àithneantan, mar air an là‑an‑diugh. 62 Agus dh’ìobair an rìgh, agus Israel uile maille ris, ìobairt am fianais an Tighearna. 63 Agus dh’ìobair Solamh ìobairt thabhartas‐sìthe, a dh’ìobair e don Tighearna, dà mhìle ar fhichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: mar sin choisrig an rìgh, agus clann Israeil uile, taigh an Tighearna. 64 Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt‐loisgte, agus nan tabhartas‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe. 65 Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug. 66 Air an ochdamh là leig e air falbh an sluagh: agus bheannaich iad an rìgh agus chaidh iad a dh’ionnsaigh am bùthan, subhach agus aoibhinn nan cridhe, airson a’ mhaith uile a rinn an Tighearna do Dhaibhidh a sheirbhiseach agus da shluagh Israel. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society