1 Rìgh 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Fàistneachd Iehu an aghaidh taighe Bhaasa. 5 Fhuair Baasa bàs, agus rìghich Elah na àite. 8 Mharbh Simri Elah. 18 Loisg Simri e fhèin nuair a theannaich Omri e ann an Tirsah. 22 Bhuadhaich Omri air Tibni. 27 Fhuair Omri bàs, agus rìghich Ahab na àite. 1 Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Iehu mac Hanani an aghaidh Bhaasa, ag ràdh, 2 A chionn gun d’àrdaich mise thu on duslach, agus gun do rinn mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, ach gun do ghluais thusa ann an slighe Ierobòaim, agus gun tug thu air mo shluagh Israel peacachadh, gam bhrosnachadh gu feirg lem peacaidhean; 3 Feuch, gearraidh mi as sliochd Bhaasa, agus sliochd a thaighe; agus nì mi do thaigh‐sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait. 4 Esan a dh’eugas de Bhaasa anns a’ bhaile ithidh na madraidh e; agus esan a dh’eugas leis anns an fhearann, ithidh eunlaith an adhair e. 5 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Bhaasa, agus na nithean a rinn e, agus a neart, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? 6 Agus chaidil Baasa maille ra athraichean agus dh’adhlaiceadh e ann an Tirsah: agus rìghich Elah a mhac na àite. 7 Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig facal an Tighearna an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thaighe, airson an uilc uile a rinn e ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhith mar thaigh Ierobòaim, agus a chionn gun do mharbh e e. 8 Anns an t‑siathamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Elah mac Bhaasa air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Tirsah; agus rìghich e dà bhliadhna. 9 Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbadan, ceannairc na aghaidh nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an taigh Arsah, a bha os cionn a thaighe ann an Tirsah. 10 Agus chaidh Simri a‑steach, agus bhuail e e, agus mharbh e e, anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah agus rìghich e na àite. 11 Agus nuair a thòisich e air rìoghachadh, cho luath is a shuidh e air a rìgh‐chathair, bhuail e taigh Bhaasa uile: cha d’fhàg e neach air bith aige a dhèanadh uisge ri balla, de a luchd‐dàimh no de a chàirdean. 12 Mar seo sgrios Simri taigh Bhaasa uile, a rèir facal an Tighearna, a labhair e an aghaidh Bhaasa le làimh Iehu am fàidh; 13 Airson uile pheacaidhean Bhaasa, agus peacaidhean Elah a mhac, leis an do pheacaich iad, agus leis an tug iad air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais. 14 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Elah, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? 15 Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Asa rìgh Iùdah, rìghich Simri seachd làithean ann an Tirsah: agus bha an sluagh air campachadh an aghaidh Ghibetoin, a bhuineadh do na Philistich. 16 Agus chuala an sluagh a bha air campachadh ga ràdh, Rinn Simri ceannairc, agus mar an ceudna bhuail e an rìgh: uime sin rinn Israel uile Omri, ceannard an t‑slòigh, na rìgh air Israel an là sin fhèin anns a’ champ. 17 Agus chaidh Omri, agus Israel uile maille ris, suas o Ghibeton, agus theannaich iad Tirsah. 18 Agus nuair a chunnaic Simri gun do ghlacadh am baile, chaidh e a‑steach do lùchairt taigh an rìgh, agus loisg e taigh an rìgh os a chionn fhèin le teine, agus dh’eug e, 19 Airson a pheacaidhean leis an do pheacaich e, a’ dèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, a’ gluasad ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh a rinn e, ann an tabhairt air Israel peacachadh. 20 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shimri, agus a cheannairc a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? 21 An sin roinneadh sluagh Israeil nan dà leth: lean leth an t‑sluaigh Tibni mac Ghinait, gu a dhèanamh na rìgh; agus lean an leth eile Omri. 22 Ach bhuadhaich an sluagh a lean Omri air an t‑sluagh a lean Tibni mac Ghinait: agus fhuair Tibni bàs, agus rìghich Omri. 23 Anns an aon‐bhliadhna‑deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Omri air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug: ann an Tirsah rìghich e sia bliadhna. 24 Agus cheannaich e sliabh Shamaria o Shemer air dà thàlann airgid, agus thog e aitreabh air an t‑sliabh, agus ghoir e ainm a’ bhaile a thog e, a rèir ainm Shemeir, sealbhadair sliabh Shamaria. 25 Ach rinn Omri olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn e na bu mhiosa na iadsan uile a bha roimhe: 26 Oir ghluais e ann an uile shlighean Ierobòaim mhic Nebait, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais. 27 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Omri, a rinn e, agus a neart a dh’fheuch e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? 28 Agus chaidil Omri maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria: agus rìghich Ahab a mhac na àite. 29 Agus thòisich Ahab mac Omri air rìoghachadh os cionn Israeil anns an ochdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah: agus rìghich Ahab mac Omri os cionn Israeil ann an Samaria, dà bhliadhna ar fhichead. 30 Agus rinn Ahab mac Omri olc ann an sùilean an Tighearna, os cionn nan uile a bha roimhe. 31 Agus mar gum bu nì faoin dhàsan gluasad ann am peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, ghabh e na mnaoi Iesebel, nighean Etbaail, rìgh nan Sìdonach, agus chaidh e agus rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha. 32 Agus chuir e suas altair do Bhàal ann an taigh Bhàail, a thog e ann an Samaria. 33 Agus rinn Ahab doire; agus rinn Ahab na bu mhò a bhrosnachadh an Tighearna, Dia Israeil, gu feirg na uile rìghrean Israeil a bha roimhe. 34 Na làithean‐san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram a chiad‐ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheatachan, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society