Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Rìgh 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chlaon mnathan Sholaimh a chridhe na shean aois an dèidh dhiathan coimheach. 9 Bhagair Dia gun reubadh e a rìoghachd uaith. 14 Dhùisg an Tighearna naimhdean suas dha. 43 A bhàs.

1 Agus bha gaol aig rìgh Solamh air mòran de mhnathan coimheach, a thuilleadh air nighean Phàraoh, ban‐Mhòabaich, ban‐Amonaich, ban‐Edomaich, ban‐Shidonaich, agus ban‐Hitich;

2 De na cinnich mun dubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Cha tèid sibhse a‑steach dan ionnsaigh‐san, cha mhò a thig iadsan a‑steach dur n‑ionnsaigh‐se; oir gu deimhinn bheir iad air ur cridhe claonadh an dèidh an diathan: riu seo dhlùth‐lean Solamh ann an gaol.

3 Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.

4 Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.

5 Oir chaidh Solamh an dèidh Astaroit, ban‐dia nan Sìdonach, agus an dèidh Mhilcoim, gràinealachd nan Amonach.

6 Agus rinn Solamh olc ann an sùilean an Tighearna; agus cha do lean e gu coileanta an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.

7 An sin thog Solamh ionad àrd do Chemos, gràinealachd Mhòaib, anns an t‑sliabh a tha mu choinneamh Ierusaleim; agus do Mholech, gràinealachd chloinn Amoin.

8 Agus air an dòigh cheudna rinn e da mhnathan coimheach uile, a loisg tùis agus a thug suas ìobairt dan diathan.

9 Agus bha fearg air an Tighearna ri Solamh, a chionn gun do chlaon a chridhe on Tighearna, Dia Israeil, a dh’fhoillsich e fhèin dha dà uair,

10 Agus a dh’àithn dha a‑thaobh an nì seo nach rachadh e an dèidh dhiathan eile: ach cha do ghlèidh esan an nì a dh’àithn an Tighearna.

11 Uime sin thubhairt an Tighearna ri Solamh, A chionn gun do rinneadh seo leat, agus nach do ghlèidh thu mo choicheangal‐sa, agus mo reachdan a dh’àithn mi dhut, gu deimhinn reubaidh mise an rìoghachd uat, agus bheir mi dod sheirbhiseach i.

12 Gidheadh ann ad làithean‐sa cha dèan mi seo, air sgàth Dhaibhidh d’athair: à làimh do mhic reubaidh mi i.

13 Ach cha reub mi an rìoghachd uile: bheir mi aon treubh dod mhac air sgàth Dhaibhidh m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim a thagh mi.

14 Agus dhùisg an Tighearna nàmhaid suas do Sholamh, Hadad an t‑Edomach: bha e den t‑sliochd rìoghail ann an Edom.

15 Oir nuair a bha Daibhidh ann an Edom, agus a chaidh Ioab, ceannard an t‑slòigh, suas a dh’adhlacadh nam marbh, an dèidh dha gach fireannach ann an Edom a bhualadh,

16 (Oir dh’fhan Ioab sia mìosan an sin, agus Israel uile, gus an do gheàrr e as gach fireannach ann an Edom,)

17 Theich Adad, e fhèin agus Edomaich àraidh de sheirbhisich a athar maille ris, gu dol a‑steach don Eiphit; agus Hadad fhathast na leanabh òg.

18 Agus dh’èirich iad à Midian, agus thàinig iad gu Paran, agus thug iad daoine leo à Paran, agus thàinig iad don Eiphit, gu Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus thug esan dha taigh, agus dh’òrdaich e lòn dha, agus thug e fearann dha.

19 Agus fhuair Hadad deagh‐ghean mòr ann an sùilean Phàraoh, air chor is gun tug e dha na mnaoi piuthar a mhnà fhèin, piuthar Thahpeneis a’ bhànrighinn.

20 Agus rug piuthar Thahpeneis dha Genubat a mhac, a chuir Tahpenes bhàrr na cìche ann an taigh Phàraoh: agus bha Genubat ann an teaghlach Phàraoh am measg mic Phàraoh.

21 Agus nuair a chuala Hadad anns an Eiphit gun do chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus gu robh Ioab ceannard an t‑slòigh marbh, thubhairt Hadad ri Phàraoh, Leig dhomh imeachd, a‑chum gun tèid mi dom thìr fhèin.

22 Agus thubhairt Phàraoh ris, Ach ciod e a tha a dh’easbhaidh ort maille riumsa, gun iarradh tu, feuch, dol dod thìr fhèin? Agus fhreagair esan, Chan eil nì air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor.

23 Agus dhùisg Dia suas nàmhaid eile dha, Reson mac Eliadah, a theich o Hadareser, rìgh Shobah, a thighearna.

24 Agus chruinnich e daoine thuige, agus bha e na cheannard air buidhinn, nuair a mharbh Daibhidh iadsan o Shobah: agus chaidh iad do Dhamascas, agus chòmhnaich iad ann, agus rinn iad e na rìgh ann an Damascas.

25 Agus bha e na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad: agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìghich e os cionn Edoim.

26 Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.

27 Agus b’e seo an t‑adhbhar mun do thog e a làmh an aghaidh an rìgh: Thog Solamh Milo, agus chàraich e beàrnan baile Dhaibhidh a athair.

28 Agus bha an duine Ierobòam treun ann an neart: agus nuair a chunnaic Solamh gu robh an t‑òganach dèanadach, chuir e e os cionn uile luchd‐giùlain uallach taigh Iòseiph.

29 Agus thachair anns an àm sin, air dol do Ierobòam a‑mach à Ierusalem, gun d’fhuair am fàidh Ahiah an Silonach e anns an t‑slighe, agus e sgeadaichte le trusgan ùr: agus bha iad nan dithis leo fhèin anns a’ mhachair.

30 Agus rug Ahiah air an trusgan ùr a bha air, agus reub e na dhà‐mhìr‐dheug e.

31 Agus thubhairt e ri Ierobòam, Gabh dhut fhèin deich mìrean; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Feuch, reubaidh mise an rìoghachd à làimh Sholaimh, agus bheir mi deich treubhan dhutsa:

32 (Ach bidh aon treubh aige‐san air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim, am baile a thagh mi à uile threubhan Israeil:)

33 A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do shleuchd iad do Astarot, ban‐dia nan Sìdonach, do Chemos, dia nam Mòabach, agus do Mhilcom, dia chloinn Amoin, agus nach do ghluais iad ann am shlighean‐sa, a dhèanamh an nì a tha ceart am shùilean, agus a ghleidheadh mo reachdan agus mo bhreitheanais mar a rinn Daibhidh a athair.

34 Gidheadh, cha toir mi an rìoghachd uile as a làimh, ach nì mi e na uachdaran rè uile làithean a bheatha, air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, a thagh mi, a chionn gun do ghlèidh e m’àitheantan agus mo reachdan.

35 Ach bheir mi an rìoghachd à làimh a mhic, agus bheir mi dhutsa i, eadhon deich treubhan.

36 Agus da mhac‐san bheir mi aon treubh, a‑chum gum bi lòchran aig Daibhidh m’òglach an còmhnaidh am fhianais ann an Ierusalem, am baile a thagh mi dhomh fhèin a chur m’ainme an sin.

37 Agus gabhaidh mi thusa, agus rìoghaichidh tu a rèir nan uile nithean a mhiannaicheas d’anam, agus bidh tu ad rìgh air Israel.

38 Agus ma dh’èisdeas tu ris na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut, agus gun gluais thu ann am shlighean, agus gun dèan thu an nì a tha ceart am shùilean, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheantan, mar a rinn Daibhidh m’òglach: an sin bidh mise maille riut, agus togaidh mi dhut taigh daingeann, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhut.

39 Agus cràdhaidh mi sliochd Dhaibhidh air a shon seo, ach chan ann gu bràth.

40 Uime sin dh’iarr Solamh Ierobòam a mharbhadh. Ach dh’èirich Ierobòam, agus theich e don Eiphit, a dh’ionnsaigh Shisaic rìgh na h‑Eiphit, agus bha e anns an Eiphit gu bàs Sholaimh.

41 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Sholaimh, eadhon na h‑uile nithean a rinn e, agus a ghliocas, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar gnìomharan Sholaimh?

42 Agus b’i an ùine a rìghich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà‑fhichead bliadhna.

43 Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan