Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Peadar impidh air na seanairean treud Dhè a bheathachadh; 5 air an òigridh a bhith umhail, 8 agus orra uile a bhith stuama, faireil, agus daingean anns a’ chreidimh; 9 agus cur an aghaidh ar nàmhaid an‑iochdmhoir an diabhal.

1 Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear‐compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

2 Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh;

3 Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud.

4 Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard‐bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as.

5 Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

6 Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:

7 A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air‐san: oir tha cùram aige dhibh.

8 Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

9 Cuiribh‐se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.

10 Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

11 Dhàsan gu robh glòir agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal. Amen.

12 Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail‐sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor‐ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.

13 Tha an eaglais ann am Bàbilon, a thaghadh maille ribhse, a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus mo mhac.

14 Cuiribh fàilte air a chèile le pòig ghràidh. Sìth gu robh maille ribh uile a tha ann an Iosa Crìosd. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan