1 Peadar 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’earalaich Peadar luchd‐aidmheil a’ chreidimh gus sgur de pheacadh, o eisempleir Chrìosd, agus do bhrìgh gu bheil a’ chrìoch dheireannach a’ dlùth‐theannadh oirnn: 12 agus thug e comhfhurtachd dhaibh an aghaidh geur‐leanmhainn. 1 Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son‐ne anns an fheòil, armaichibh‐se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh; 2 A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana‐miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè. 3 Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana‐miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal‐adhradh ain‐dligheach: 4 Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò‐mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh: 5 Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh. 6 Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad. 7 Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh. 8 Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas‐ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean. 9 Thugaibh aoigheachd da chèile gun ghearan. 10 A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè. 11 Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen. 12 A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo‐ghnàthach dhuibh: 13 Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd‐compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr. 14 Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh‐san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh‐se tha e air a ghlòrachadh. 15 Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch‐bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha. 16 Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo. 17 Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas‐umhail do shoisgeul Dhè? 18 Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin? 19 Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris‐san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society