Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Theagaisg Peadar dleasdanas bhan agus fhear‐pòsda da chèile; 8 dh’earalaich e na h‑uile dhaoine a‑chum aonachd agus gràidh, 14 agus geur‐leanmhainn fhulang. 19 Chuir e mar an ceudna an cèill sochairean Chrìosd don t‑seann shaoghal.

1 Mar an ceudna, a mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, a‑chum ma tha dream air bith eas‐umhail don fhacal, gum bi iadsan mar an ceudna, as eugmhais an fhacail, air an cosnadh le deagh chaitheamh‐beatha nam ban;

2 Nuair a bheachdaicheas iad air ur caitheamh‐beatha geamnaidh maille ri eagal.

3 Na b’i ur brèaghachd fighe an fhuilt agus a’ cur òir oirbh, agus dheagh thrusgan umaibh, a’ bhrèaghachd sin on leth a‑muigh:

4 Ach duine falaichte a’ chridhe, ann an neo‐thruaillidheachd spioraid mhacanta agus chiùin, nì a tha ro‑luachmhor ann an sealladh Dhè.

5 Oir b’ann mar seo a rinn na mnathan naomha o shean, aig an robh am muinghinn ann an Dia, iad fhèin brèagha, air dhaibh a bhith umhail dam fir fhèin;

6 Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,

7 Mar an ceudna, fheara, gabhaibh‐se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.

8 Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:

9 Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd:

10 Oir ge bè lem b’àill beatha a ghràdhachadh, agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o labhairt ceilg;

11 Seachnadh e olc, agus dèanadh e math; iarradh e sìth, agus leanadh e i.

12 Oir tha sùilean an Tighearna air na fìreanan, agus a chluasan fosgailte rin ùrnaigh: ach tha gnùis an Tighearna an aghaidh na muinntir a nì olc.

13 Agus cò e a nì olc oirbh, ma bhios sibh nur luchd‐leanmhainn air an nì sin a tha math?

14 Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail‐san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach;

15 Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh:

16 Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh‐beatha ann an Crìosd.

17 Oir is fheàrr, mas e sin toil Dhè, sibh a dh’fhulang airson math a dhèanamh, na airson olc a dhèanamh.

18 Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo‐fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.

19 Leis an deachaidh e mar an ceudna, agus an do shearmonaich e do na spioradan ann am prìosan;

20 A bha o shean eas‐umhail, nuair a dh’fheith fad‐fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.

21 Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh‐ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:

22 Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan