1 Peadar 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chomhairlich Peadar luchd‐aidmheil a’ chreidimh an aghaidh mì‑sheirce; 4 nochd e gur e Crìosd am bunait air am bheil iad air an togail. 11 Ghuidh e orra fantainn o ana‐miannan feòlmhor, 13 agus a bhith umhail do uachdarain. 1 Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana‐cainnt, 2 Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis; 3 Mas e is gun do bhlais sibh gu bheil an Tighearna gràsmhor: 4 A’ teachd da ionnsaigh‐san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor; 5 Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd. 6 Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach‐oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e. 7 Dhuibhse uime sin a chreideas, tha e luachmhor: ach dhaibhsan a tha eas‐umhail, a’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisne dhith, 8 Agus clach‐thuislidh, agus carraig‐oilbheim dhaibhsan a thuislicheas air an fhacal, air dhaibh a bhith eas‐umhail, a‑chum mar an ceudna an d’òrdaicheadh iad. 9 Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin: 10 Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair. 11 A mhuinntir mo ghràidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd‐cuairt, sibh a sheachnadh ana‐miannan feòlmhor, a tha a’ cogadh an aghaidh an anama; 12 Air dhuibh deagh chaitheamh‐beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh. 13 Uime sin bithibh umhail do gach uile riaghailt dhaoine airson an Tighearna: mas ann don rìgh mar an tì as àirde inbhe; 14 No do uachdarain mar don mhuinntir a chuireadh uaithe a‑chum dìoghaltais air luchd‐dèanamh an uilc, ach a‑chum cliù dhaibhsan a nì math. 15 Oir is i toil Dhè gun cuireadh sibh le deagh dhèanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach: 16 Mar dhaoine saora, agus gun ur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat‐falaich don olc, ach mar sheirbhisich Dhè. 17 Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh. 18 A sheirbhiseacha, bithibh umhail dur maighistirean maille ris an uile eagal, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha math agus ciùin, ach mar an ceudna dhaibhsan a tha ana‐mèineach. 19 Oir tha seo cliù‐thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach. 20 Oir ciod an t‑adhbhar molaidh a tha ann mas e nuair a ghabhar oirbh airson ur cionta, gun giùlan sibh gu foighidinneach e? Ach mas e nuair a tha sibh a’ dèanamh maith, agus a’ fulang air a shon, gun giùlain sibh e gu foighidinneach, tha seo taitneach do Dhia. 21 Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman: 22 Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul: 23 Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris‐san a bheir breith cheart: 24 Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh. 25 Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society