1 Peadar 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bheannaich Peadar Dia airson a ghràsan iomarcach spioradail; 10 nochd e nach naidheachd ùr slàinte tre Chrìosd, ach nì mun robh fàidheadaireachd o shean: 13 agus a rèir sin chuir e impidh orra am beatha a chaitheamh gu diadhaidh, do bhrìgh gu bheil iad a‑nis air an nuadh‐bhreith le facal Dhè. 1 Peadar, abstol Iosa Crìosd, a‑chum nan coigreach a tha air an sgapadh tre Phontus, Ghalàtia, Chapadòcia, Asia, agus Bhitinia, 2 A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh. 3 Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr‐thròcair a dh’ath‐ghin sinne gu beò‐dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. 4 A‑chum oighreachd neo‐thruaillidh, agus neo‐shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse, 5 A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich: 6 Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr‐ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e,) fo thùirse tre iomadh buaireadh; 7 A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd: 8 Dom bheil sibh a’ toirt gràidh, ged nach faca sibh e; agus ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn, air dhuibh a bhith a’ creidsinn ann, tha sibh a’ dèanamh mòr‐ghàirdeachais le aoibhneas air dol thar labhairt, agus làn de ghlòir: 9 A’ faotainn crìoch ur creidimh, eadhon slàinte ur n‑anama: 10 Slàinte mun d’fhiosraich na fàidhean, agus mun do rinn iad geur‐rannsachadh, muinntir a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gu teachd dur n‑ionnsaigh‐se; 11 A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn. 12 Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh. 13 Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd; 14 Mar chloinn umhail, gun a bhith gur co‑chumadh fhèin ris na h‑ana‐miannan a bha agaibh roimhe ann an àm ur n‑aineolais: 15 Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh‐se naomh mar an ceudna nur n‑uile chaitheamh‐beatha: 16 Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh‐se naomh, oir tha mise naomh. 17 Agus ma ghoireas sibh air an Athair, a bheir breith a rèir obraichean gach neach, gun chlaon‐bhàidh ri neach seach a chèile, caithibh aimsir ur cuairt an seo le eagal: 18 Air dhuibh fios a bhith agaibh nach do shaoradh sibh le nithean truaillidh, mar a tha airgead agus òr, o ur caitheamh‐beatha dìomhain, a thugadh dhuibh o ur sinnsireachd; 19 Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal: 20 Neach gu deimhinn a ro‑òrdaicheadh ro chruthachadh an t‑saoghail, ach a dh’fhoillsicheadh anns na h‑aimsirean deireannach air ur son‐se; 21 Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia. 22 Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo‐chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach: 23 Air dhuibh a bhith air ur n‑ath‐ghineamhainn, chan ann o shìol truaillidh, ach neo‐thruaillidh, le facal an Dè bheò, agus a mhaireas gu sìorraidh. 24 Oir tha gach uile fheòil mar fheur, agus uile ghlòir dhaoine mar bhlàth an fheòir. Seargaidh am feur, agus tuitidh a bhlàth dheth: 25 Ach fanaidh facal an Tighearna gu sìorraidh. Agus is e seo am facal a shearmonaicheadh dhuibhse anns an t‑soisgeul. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society