1 Eachdraidh 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Toiseach ghinealach Israeil agus Iùdah. 2 Na h‑Israelich, 10 na sagairt, 14 agus na Lèbhithich, a ghabh còmhnaidh ann an Ierusalem. 27 Cùram nan Lèbhitheach. 35 Sliochd Shauil agus Ionatain. 1 Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais. 2 Agus b’iad an ciad luchd‐àiteachaidh a ghabh còmhnaidh nan sealbh nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, na Lèbhithich, agus na Netinich. 3 Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnaidh de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin, agus de chloinn Ephraim, agus Mhanaseh: 4 Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, de chloinn Phareis mhic Iùdah. 5 Agus de na Silonaich: Asaiah an ciad‐ghin, agus a mhic. 6 Agus de mhic Sherah; Ieuel, agus am bràithrean, sia ceud agus ceithir‐fichead agus a deich. 7 Agus de mhic Bheniàmin: Salu mac Mhesulaim, mhic Hodabhiah, mhic Hasenuah; 8 Agus Ibneiah mac Ierohaim, agus Elah mac Udsi, mhic Mhichri, agus Mesulam mac Shephatiah, mhic Reueil, mhic Ibniah; 9 Agus am bràithrean, a rèir an ginealaichean, naoi ceud agus sia‑deug agus dà‑fhichead. Bu chinn athraichean na daoine sin uile ann an taigh an athraichean. 10 Agus de na sagartan: Iedaiah, agus Iehoiarib, agus Iachin; 11 Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear‐riaghlaidh taigh Dhè; 12 Agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; agus Maasai mac Adieil, mhic Iahserah, mhic Mhesulaim, mhic Mhesulemit, mhic Imeir; 13 Agus am bràithrean, cinn‐taighe an athraichean, mìle agus seachd ceud agus trì‐fichead, daoine ro‑fhoghainteach fa chomhair obair seirbhis taigh Dhè. 14 Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, de mhic Mherari; 15 Agus Bacbacar, Heres, agus Galal, agus Mataniah mac Mhicah, mhic Shichri, mhic Asaiph; 16 Agus Obadiah mac Shemaiah, mhic Ghalail, mhic Iedutuin, agus Berechiah mac Asa, mhic Elcanah, a bha a chòmhnaidh ann am frith‐bhailtean nan Netophatach. 17 Agus b’iad na dorsairean Salum, agus Acub, agus Talmon, agus Ahiman, agus am bràithrean: b’e Salum an ceannard; 18 A bha gus an àm seo aig geata an rìgh air an taobh an ear, nan dorsairean ann an cuideachdan chloinn Lèbhi. 19 Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithrean (de thaigh a athar) na Corahaich os cionn obair na seirbhis, nan luchd‐gleidhidh geatachan a’ phàillein; agus an athraichean os cionn sluagh an Tighearna, nan luchd‐gleidhidh air dol a‑steach a’ phàillein. 20 Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann‐riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna. 21 Maille ris bha Sechariah, mac Mheselemiah, na dhorsair doras pàillean a’ choitheanail. 22 Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear‐dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith‐bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear‐seallaidh, nan dreuchd suidhichte. 23 Mar sin bha iadsan agus am mic os cionn geatachan taigh an Tighearna, agus taigh a’ phàillein a‑chum an gleidheadh. 24 Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas; 25 Agus am bràithrean nam frith‐bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu. 26 Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd‐dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè. 27 Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn. 28 Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean‐frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh. 29 Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh. 30 Agus bha cuid de mhic nan sagart a’ dèanamh na h‑ola‑ungaidh de na spìosraidh. 31 Agus b’ann aig Matitiah, aon de na Lèbhithich, eadhon ciad‐ghin Shaluim an Corahach, a bha dreuchd suidhichte os cionn nan nithean a rinneadh ann an aighnean. 32 Agus bha cuid eile dem bràithrean, de mhic nan Cohatach, os cionn aran na fianais, gu a dheasachadh gach sàbaid. 33 Agus is iad sin luchd‐ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair‐san. 34 Bha cinn athraichean sin nan Lèbhitheach nan cinn a rèir an ginealaichean: bha iad a chòmhnaidh ann an Ierusalem. 35 Agus ann an Gibeon chòmhnaich athair Ghibeoin, Iehiel; agus b’e ainm a mhnà Maachah: 36 Agus a chiad‐ghin mic Abdon, an sin Sur, agus Cis, agus Bàal, agus Ner, agus Nàdab, 37 Agus Gedor, agus Ahio, agus Sechariah, agus Miclot. 38 Agus ghin Miclot Simeam: agus ghabh iadsan mar an ceudna còmhnaidh fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem, maille rim bràithrean. 39 Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi‐sua, agus Abinadab, agus Esbàal. 40 Agus b’e mac Ionatain Merib‐bàal; agus ghin Merib‐bàal Micah. 41 Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tahrea, agus Ahas. 42 Agus ghin Ahas Iehoadah, agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa; 43 Agus ghin Mosa Binea: agus b’e Rephaiah a mhac‐san, Eleasah a mhac‐san, Asel a mhac‐san. 44 Agus bha aig Asel sianar mhac, agus is iad seo an ainmean: Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin mic Aseil. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society