Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Mic Isachair, 6 Bheniàmin, 13 Naphtali, 14 Mhanaseh, 20 agus Ephraim. 22 Bròn Ephraim, etc.

1 A‑nis b’iad mic Isachair, Tola, agus Puah, Iasub, agus Simron, ceathrar.

2 Agus mic Thola: Udsi, agus Rephaiad, agus Ieriel, agus Iahmai, agus Ibsam, agus Semuel, cinn‐taighe an athraichean, eadhon Tola: daoine treuna nan ginealaichean dom b’àireamh ann an làithean Dhaibhidh dà‑mhìle‐ar‑fhichead agus sia ceud.

3 Agus mic Udsi: Israhiah: agus mic Israhiah: Michael, agus Obadiah, agus Ioel, agus Isiah, còignear; iad uile nan cinn‐taighe.

4 Agus acasan, a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, bha buidhnean shaighdear gu cogadh, sia‑mìle‐deug ar fhichead fear: oir bha iomadh bean agus mac aca.

5 Agus bha am bràithrean am measg uile theaghlaichean Isachair nan daoine treuna, air an àireamh anns an iomlan a rèir an ginealaichean nan seachd agus ceithir‐fichead mìle.

6 Mic Bheniàmin: Bela, agus Becher, agus Iediael, triùir.

7 Agus mic Bhela: Esbon, agus Udsi, agus Udsiel, agus Ierimot, agus Iri, còignear; cinn‐taighe an athraichean, daoine treuna, agus dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean nan dà‑mhìle‐ar‑fhichead, agus ceithir‐deug ar fhichead.

8 Agus mic Bhecheir: Semira, agus Iòas, agus Elièser, agus Elioenai, agus Omri, agus Ierimot, agus Abiah, agus Anatot, agus Alamet. Is iad sin uile mic Bhecheir.

9 Agus b’e an àireamh a rèir an sloinnidhean a rèir an ginealaichean, cinn‐taighe an athraichean, daoine treuna, fichead mìle agus dà cheud.

10 Agus mic Iediaeil: Bilhan: agus mic Bhilhain: Ieus, agus Beniàmin, agus Ehud, agus Cenaanah, agus Setan, agus Tarsis, agus Ahisahar.

11 Bha iad sin uile mic Iediaeil, a rèir cinn an athraichean, daoine treuna, nan seachd‐mìle‐deug agus dà cheud fear, iomchaidh gu dol a‑mach a‑chum cogaidh agus catha.

12 Supim mar an ceudna, agus Hupim mic Ir, agus Husim mic Aheir.

13 Mic Naphtali: Iahsiel, agus Guni, agus Ieser, agus Salum, mic Bhilhah.

14 Mic Mhanaseh: Asriel, a rug i: (ach rug a choileabach, a’ Bhan‐Aramach, Machir athair Ghilead.

15 Agus ghabh Machir mar mhnaoi piuthar Hupim agus Shupim, agus b’e ainm a peathar Maachah:) agus b’e ainm an dara mic Selophehad: agus bha aig Selophehad nigheanan.

16 Agus rug Maachah bean Mhachir mac, agus thug i Peres mar ainm air; agus b’e ainm a bhràthar Seres; agus b’iad a mhic‐san Ulam agus Racem.

17 Agus mic Ulaim: Bedan. B’iad sin mic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh.

18 Agus rug a phiuthar Hamolecet Isod, agus Abieser, agus Mahalah.

19 Agus b’iad mic Shemida, Ahian, agus Sechem, agus Lichi, agus Aniam.

20 Agus mic Ephraim: Sutelah, agus Bered a mhac‐san, agus Tahat a mhac‐san, agus Eladah a mhac‐san, Tahat a mhac‐san,

21 Agus Sabad a mhac‐san, agus Sutelah a mhac‐san, agus Eser, agus Elead, a mharbh fir Ghat a rugadh anns an tìr sin, a chionn gun tàinig iad a‑nuas a thogail an creich.

22 Agus rinn an athair Ephraim bròn rè iomadh là, agus thàinig a bhràithrean gu comhfhurtachd a thoirt dha.

23 Agus chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh a mhnà, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac, agus thug e Beriah mar ainm air, a chionn gun d’èirich gu h‑olc da thaigh.

24 (Agus b’i a nighean Serah, ise a thog Bet‐horon ìochdarach, agus uachdarach, agus Udsen‐serah).

25 Agus b’e Rephah a mhac, mar an ceudna Reseph, agus Tela a mhac‐san, agus Tahan a mhac‐san,

26 Laadan a mhac‐san, Aimhud a mhac‐san, Elisama a mhac‐san,

27 Non a mhac‐san, Iehosua a mhac‐san.

28 Agus b’iad an seilbh agus an àiteachan‐còmhnaidh Betel agus a bhailtean, agus a làimh na h‑àird an ear Naaran, agus a làimh na h‑àird an iar Gèser le a bhailtean, Sechem mar an ceudna agus a bhailtean, gu ruig Gàsa agus a bhailtean.

29 Agus làimh ri cloinn Mhanaseh, Bet‐sean agus a bhailtean, Taanach agus a bhailtean, Megido agus a bhailtean, Dor agus a bhailtean. Annta sin ghabh clann Iòseiph, mac Israeil, còmhnaidh.

30 Mic Aseir: Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar.

31 Agus mic Bheriah: Heber, agus Malchiel: b’esan athair Bhirsabhit.

32 Agus ghin Heber Iaphlet, agus Somer, agus Hotam, agus Suah am piuthar.

33 Agus mic Iaphleit: Pasach, agus Bimhal, agus Asbhat: is iad sin mic Iaphleit.

34 Agus mic Shameir: Ahi, agus Rohgah, Iehubah, agus Aram.

35 Agus mic Heleim, a bhràthair; Sophah, Imna, agus Seles, agus Amal.

36 Mic Shophah: Suah, agus Harnepher, agus Sual, agus Beri, agus Imrah,

37 Beser, agus Hod, agus Sama, agus Silsah, agus Itran, agus Beera.

38 Agus mic Ieteir: Iephuneh, agus Pispah, agus Ara.

39 Agus mic Ula: Ara, agus Haniel, agus Resia.

40 B’iad sin uile mic Aseir, cinn‐taighe an athraichean, daoine taghte, treun ann an neart, rogha nan uachdaran. Agus nuair a dh’àirmheadh iad a rèir an ginealaichean a‑chum cogaidh agus catha, b’e an àireamh sia‑mìle‐fichead fear.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan