1 Eachdraidh 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mic Lèbhi. 4 Sliochd Eleàsair gu ruig am braighdeanas. 20 Mic Ghersoim, Chohait, agus Mherari. 49 Dreuchd Aaroin: 53 a shliochd gu ruig Ahimaas. 1 Mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari. 2 Agus mic Chohait: Amram, Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. 3 Agus mic Amraim: Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin: Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar. 4 Ghin Eleàsar Phinehas, agus ghin Phinehas Abisua, 5 Agus ghin Abisua Buci, agus ghin Buci Udsi, 6 Agus ghin Udsi Serahiah, agus ghin Serahiah Meraiot, 7 Ghin Meraiot Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, 8 Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Ahimaas, 9 Agus ghin Ahimaas Asariah, agus ghin Asariah Iohanan, 10 Agus ghin Iohanan Asariah (esan a bha a’ frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt anns an taigh a thog Solamh ann an Ierusalem), 11 Agus ghin Asariah Amariah, agus ghin Amariah Ahitub, 12 Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Salum, 13 Agus ghin Salum Hilciah, agus ghin Hilciah Asariah, 14 Agus ghin Asariah Seraiah, agus ghin Seraiah Iehosadac, 15 Agus chaidh Iehosadac am braighdeanas, nuair a thug an Tighearna air falbh Iùdah agus Ierusalem le làimh Nebuchadnesair. 16 Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari. 17 Agus is iad seo ainmean mic Ghersoim, Libni agus Simei. 18 Agus b’iad mic Chohait, Amram, agus Ishar, agus Hebron, agus Udsiel. 19 Mic Mherari: Mahli, agus Musi. Agus is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an athraichean: 20 O Ghersom: Libni a mhac, Iahat a mhac‐san, Simah a mhac‐san, 21 Ioah a mhac‐san, Ido a mhac‐san, Serah a mhac‐san, Ieaterai a mhac‐san. 22 Mic Chohait: Aminadab a mhac, Corah a mhac‐san, Asir a mhac‐san, 23 Elcanah a mhac‐san, agus Ebiasaph a mhac‐san, agus Asir a mhac‐san, 24 Tahat a mhac‐san, Uriel a mhac‐san, Udsiah a mhac‐san, agus Saul a mhac‐san. 25 Agus mic Elcanah: Amasai, agus Ahimot: 26 Elcanah a mhac‐san, Sophai a mhac‐san, agus Nahat a mhac‐san, 27 Eliab a mhac‐san, Ieroham a mhac‐san, Elcanah a mhac‐san. 28 Agus mic Shamueil: an ciad‐ghin Ioel, agus an dara Abiah. 29 Mic Mherari: Mahli, Libni a mhac‐san, Simei a mhac‐san, Udsa a mhac‐san, 30 Simei a mhac‐san, Hagiah a mhac‐san, Asaiah a mhac‐san. 31 Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiùil ann an taigh an Tighearna an dèidh don àirc fois fhaghail. 32 Agus bha iad a’ frithealadh fa chomhair pàillean bùth a’ choitheanail le ceòl, gus an do thog Solamh taigh an Tighearna ann an Ierusalem; agus an sin dh’fheith iad air an dreuchd a rèir an òrdaigh. 33 Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear‐ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil, 34 Mhic Elcanah mhic Ierohaim, mhic Elieil, mhic Thoah, 35 Mhic Shuph, mhic Elcanah, mhic Mhahait, mhic Amasai, 36 Mhic Elcanah, mhic Ioeil, mhic Asariah, mhic Shephaniah, 37 Mhic Thahait, mhic Asir, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, 38 Mhic Ishair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, mhic Israeil. 39 Agus a bhràthair Asaph (a sheas air a làimh dheis), eadhon Asaph mac Bherachiah, mhic Shimea, 40 Mhic Mhichaeil, mhic Bhaaseiah, mhic Mhalchiah, 41 Mhic Etni, mhic Sherah, mhic Adaiah, 42 Mhic Etain, mhic Shimah, mhic Shemei, 43 Mhic Iahait, mhic Ghersoin, mhic Lèbhi. 44 Agus am bràithrean mic Mherari air an làimh chlì: Etan mac Chisi, mhic Abdi, mhic Mhaluich, 45 Mhic Hasabiah, mhic Amasiah, mhic Hilciah, 46 Mhic Amsi, mhic Bhani, mhic Shameir, 47 Mhic Mhahli, mhic Mhusi, mhic Mherari, mhic Lèbhi. 48 Dh’òrdaicheadh mar an ceudna am bràithrean na Lèbhithich a‑chum gach uile ghnè sheirbhis ann am pàillean taigh Dhè. 49 Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè. 50 Agus is iad seo mic Aaroin: Eleàsar a mhac, Phinehas a mhac‐san, Abisua a mhac‐san, 51 Buci a mhac‐san, Udsi a mhac‐san, Serahiah a mhac‐san, 52 Meraiot a mhac‐san, Amariah a mhac‐san, Ahitub a mhac‐san, 53 Sadoc a mhac‐san, Ahimaas a mhac‐san. 54 Agus is iad seo an àiteachan‐còmhnaidh, air feadh an lùchairtean nan crìochan, de mhic Aaroin, de theaghlaichean nan Cohatach; oir bu leòsan an crannchur. 55 Agus thug iad dhaibh Hebron ann an tìr Iùdah, agus a fhearann co‑roinn mun cuairt air. 56 Ach achaidhean a’ bhaile agus a fhrith‐bhailtean thug iad do Chàleb mac Iephuneh. 57 Agus do mhic Aaroin thug iad bailtean: Hebron am baile‐dìdein, agus Libna le a fhearainn co‑roinn, agus Iatir, agus Estemoa le a fhearainn co‑roinn. 58 Agus Hilen le a fhearann co‑roinn, Debir le a fhearann co‑roinn, 59 Agus Asan le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐semes le a fhearann co‑roinn: 60 Agus o threubh Bheniàmin; Geba le a fhearann co‑roinn, agus Alemet le a fhearann co‑roinn, agus Anatot le a fhearann co‑roinn. B’iad am bailtean uile, air feadh an teaghlaichean, trì‐bailtean‐deug. 61 Agus do mhic Chohait a dh’fhàgadh de theaghlach an treubha sin, thugadh on leth‐threubh, eadhon leth‐threubh Mhanaseh, le crannchur, deich bailtean. 62 Agus do mhic Ghersoim air feadh an teaghlaichean, thugadh o threubh Isachair, agus o threubh Aseir, agus o threubh Naphtali, agus o threubh Mhanaseh ann am Basan, trì‐bailtean‐deug. 63 Do mhic Mherari air feadh an teaghlaichean, o threubh Reubein, agus o threubh Ghad, agus o threubh Shebuluin, thugadh le crannchur dà‑bhaile‐dheug. 64 Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich na bailtean sin lem fearann co‑roinn. 65 Agus thug iad le crannchur o threubh chloinn Iùdah, agus o threubh chloinn Shimeoin, agus o threubh chloinn Bheniàmin, na bailtean sin a ghairmear air an ainmean. 66 Agus bha aig a’ chuid eile de theaghlaichean mhac Chohait bailtean an crìch o threubh Ephraim. 67 Agus thug iad dhaibh de na bailtean‐dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn, 68 Agus Iocmeam le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐horon le a fhearann co‑roinn, 69 Agus Aialon le a fhearann co‑roinn, agus Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn: 70 Agus o leth‐threubh Mhanaseh: Aner le a fhearann co‑roinn, agus Bileam le a fhearann co‑roinn, airson teaghlach chloinn Chohait a dh’fhàgadh. 71 Do mhic Ghersoim thugadh o theaghlach leth‐threubh Mhanaseh, Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, agus Astarot le a fhearann co‑roinn: 72 Agus o threubh Isachair: Cedes le a fhearann co‑roinn, Daberat le a fhearann co‑roinn, 73 Agus Ramot le a fhearann co‑roinn, agus Anem le a fhearann co‑roinn: 74 Agus o threubh Aseir: Masal le a fhearann co‑roinn, agus Abdon le a fhearann co‑roinn, 75 Agus Hucoc le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: 76 Agus o threubh Naphtali: Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, agus Hamon le a fhearann co‑roinn, agus Ciriataim le a fhearann co‑roinn. 77 Don chuid eile de chloinn Mherari, thugadh o threubh Shebuluin, Rimon le a fhearann co‑roinn, Tabor le a fhearann co‑roinn: 78 Agus air taobh thall Iòrdain làimh ri Iericho, air an taobh an ear de Iòrdan thugadh dhaibh o threubh Reubein Beser anns an fhàsach le a fhearann co‑roinn, agus Iahsah le a fhearann co‑roinn, 79 Agus Cedemot le a fhearann co‑roinn, agus Mephaat le a fhearann co‑roinn: 80 Agus o threubh Ghad; Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn, 81 Agus Hesbon le a fhearann co‑roinn, agus Iaser le a fhearann co‑roinn. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society