1 Eachdraidh 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Roinneadh mic Aaroin le crannchur ann an ceithir buidhnean ar fhichead. 20 Roinneadh a’ chuid eile de mhic Lèbhi le crannchur. 1 Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar. 2 Ach fhuair Nàdab agus Abihu bàs ron athair, agus cha robh clann aca: uime sin fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt. 3 Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis. 4 Agus fhuaireadh mic Eleàsair na bu lìonmhoire nam prìomh‐dhaoine na mic Itamair; agus mar seo roinneadh iad: De mhic Eleàsair bha sia prìomh‐dhaoine‐deug, a rèir taigh an athraichean; agus de mhic Itamair ochdnar, a rèir taigh an athraichean. 5 Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair. 6 Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh‐thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair. 7 Agus thàinig a’ chiad chrann a‑mach do Iehoiarib, an dara do Iedaiah, 8 An treasa do Harim, an ceathramh do Sheorim, 9 An còigeamh do Mhalchiah, an siathamh do Mhiamin, 10 An seachdamh do Hacots, an t‑ochdamh do Abiah, 11 An naoidheamh do Iesua, an deicheamh do Shecaniah, 12 An t‑aona‑crann‐deug do Eliasib, an dara‑crann‐deug do Iacim, 13 An treasa‑crann‐deug do Chupah, an ceathramh‐deug do Iesebeab, 14 An còigeamh‐deug do Bhilgah, an siathamh‐deug do Imer, 15 An seachdamh‐deug do Hedsir, an t‑ochdamh‐deug do Apheses, 16 An naoidheamh‐deug do Phetahiah, am ficheadamh do Iehesecel, 17 An t‑aon‐ar‑fhichead do Iachin, an dara‑ar‑fhichead do Ghamul, 18 An treas‐ar‑fhichead do Dhelaiah, an ceathramh‐ar‑fhichead do Mhaasiah. 19 B’e sin an àireamh a rèir an seirbhis a‑chum teachd a‑steach do thaigh an Tighearna, a rèir an gnàtha, fo làimh Aaroin an athair, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha. 20 Agus a‑thaobh a’ chuid eile de mhic Lèbhi: de mhic Amraim: Subael: de mhic Shubaeil: Iehdeiah. 21 A‑thaobh Rehabiah: de mhic Rehabiah, an ciad fhear Isiah. 22 De na h‑Itsaraich: Selomot: de mhic Shelomoit: Iahat. 23 Agus mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, Iecameam an ceathramh. 24 De mhic Udsieil: Michah: de mhic Mhichah; Samir. 25 B’e bràthair Mhichah Isiah: de mhic Isiah: Sechariah. 26 B’iad mic Mherari, Machli agus Musi: mic Iaasiah: Beno. 27 Mic Mherari le Iaasiah: Beno, agus Soham, agus Sachur, agus Ibri. 28 O Mhachli thàinig Eleàsar, aig nach robh mic sam bith. 29 A‑thaobh Chis: mic Chis: Ierahmeel. 30 Agus mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ierimot. B’iad sin mic nan Lèbhitheach, a rèir taigh an athraichean. 31 Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society