1 Eachdraidh 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Daibhidh Ioab gu Israel àireamh: 7 mhì‐thaitinn an nì seo ri Dia: 8 dh’aidich Daibhidh a pheacadh. 10 De na trì nithean a chuir Dia fa chomhair roghnaich e a’ phlàigh. 16 Rinn Daibhidh eadar‐ghuidhe airson an t‑sluaigh. 18 Cheannaich e urlar‐bualaidh Ornain. 1 Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh. 2 Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ri uachdaran an t‑sluaigh, Rachaibh, àirmhibh Israeil o Bheer‐sèba eadhon gu Dan; agus thugaibh an àireamh am ionnsaigh‐sa, a‑chum gum bi fhios agam air. 3 Agus fhreagair Ioab, Gun dèanadh an Tighearna a shluagh fhèin ceud uair nas lìonmhoire na tha iad. Ach, mo thighearna a rìgh, nach iad seirbhisich mo thighearna iad uile? Carson mas eadh a tha mo thighearna ag iarraidh an nì seo? Carson a bhios e na adhbhar cionta do Israel? 4 Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib: uime sin dh’imich Ioab, agus chaidh e air feadh Israeil uile, agus thàinig e gu Ierusalem. 5 Agus thug Ioab uimhir àireamh an t‑sluaigh do Dhaibhidh: agus bha ann de Israel uile, mìle de mhìltean agus ceud mìle fear a tharraing claidheamh; agus de Iùdah, ceithir cheud agus deich agus trì mìle fear a tharraing claidheamh. 6 Ach Lèbhi agus Beniàmin cha d’àireamh e nam measg; oir bha facal an rìgh gràineil do Ioab. 7 Agus mhì‐thaitinn an nì seo ri Dia; uime sin bhuail e Israel. 8 Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Pheacaich mi gu mòr, a chionn gun do rinn mi an nì seo; ach a‑nis, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich; oir rinn mi gu ro‑amaideach. 9 Agus labhair an Tighearna ri Gad, fear‐seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, 10 Falbh agus labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Trì nithean tha mi a’ cur fad chomhair; roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e. 11 Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Gabh do roghainn: 12 Aon chuid trì bliadhna gorta; no a bhith trì mìosan a’ teicheadh rod naimhdean, agus claidheamh do naimhdean a’ breith ort; no trì làithean de chlaidheamh an Tighearna, eadhon den phlàigh, anns an fhearann, agus aingeal an Tighearna a’ sgrios air feadh uile chrìochan Israeil: a‑nis uime sin faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi. 13 Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteam a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is ro‑lìonmhor a thròcairean; ach ann an làimh duine na tuiteam. 14 Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel; agus thuit de Israel deich agus trì‐fichead mìle fear. 15 Agus chuir Dia aingeal gu Ierusalem, a‑chum a sgrios: agus nuair a bha e a’ sgrios, dh’amhairc an Tighearna, agus ghabh e aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a bha ri sgrios, Is leòr e; cùm a‑nis air do làimh. Agus sheas aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach. 16 Agus thog Daibhidh suas a shùilean agus chunnaic e aingeal an Tighearna na sheasamh eadar talamh agus nèamh, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh, sìnte a‑mach os cionn Ierusaleim, agus thuit Daibhidh agus seanairean Israeil, còmhdaichte le sac‐aodach, sìos air an aghaidh. 17 Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh‐sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra. 18 An sin dh’àithn aingeal an Tighearna do Ghad a ràdh ri Daibhidh, gun rachadh Daibhidh suas a thogail altarach don Tighearna ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach. 19 Agus chaidh Daibhidh suas air facal Ghaid, a labhair e ann an ainm an Tighearna. 20 Agus thionndaidh Ornan air ais, agus chunnaic e an t‑aingeal; agus dh’fhalaich a cheathrar mhac, a bha maille ris, iad fhèin. A‑nis bha Ornan a’ bualadh cruithneachd. 21 Agus nuair a thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Ornain, dh’amhairc Ornan agus chunnaic e Daibhidh, agus chaidh e a‑mach as an ùrlar‐bhualaidh, agus chrom e e fhèin do Dhaibhidh le a aghaidh gu làr. 22 An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair‐bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh. 23 Agus thubhairt Ornan ri Daibhidh, Gabh thugad e, agus dèanadh mo thighearna an rìgh an nì a tha math na shùilean: feuch, tha mi a’ toirt a’ bhuair dhut a‑chum ìobairtean‐loisgte, agus nan innealan‐bualaidh a‑chum connaidh, agus a’ chruithneachd a‑chum tabhartas‐bìdh; sin uile tha mi a’ toirt dhut. 24 Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean‐loisgte gun chostas. 25 Uime sin thug Daibhidh do Ornan air an àite sia ceud secel òir air thomhas. 26 Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean‐loisgte agus ìobairtean‐sìth, agus ghairm e air an Tighearna; agus fhreagair e e le teine o nèamh air altair na h‑ìobairt‐loisgte. 27 Agus dh’àithn an Tighearna don aingeal; agus chuir e suas a chlaidheamh a‑rìs na thruaill. 28 Anns an àm sin, nuair a chunnaic Daibhidh gun do fhreagair an Tighearna e ann an ùrlar‐bualaidh Ornain an t‑Iebusach, dh’ìobair e an sin: 29 Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon. 30 Ach cha b’urrainn Daibhidh dol na làthair, a dh’fhiosrachadh de Dhia; oir bha e fo eagal airson claidheamh aingeal an Tighearna. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society