Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Bhuin Hanun gu h‑aingidh ri teachdairean Dhaibhibh. 6 Bhuail Ioab clann Amoin agus na Sirianaich a thàinig gan còmhnadh. 17 Cheannsaich Daibhidh na Sirianaich.

1 Agus an dèidh seo fhuair Nahas rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac na àite.

2 Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair‐san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha.

3 Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd‐comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?

4 Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.

5 Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fir; agus chuir esan teachdairean nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.

6 Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc‐shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria‑maachah, agus à Sobah.

7 Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle‐dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha.

8 Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile fheachd nan daoine treuna.

9 Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath ann an òrdagh fa chomhair geata a’ bhaile: agus bha na rìghrean a thàinig leo fhèin anns a’ mhachair.

10 Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach.

11 Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh Abisai a bhràthair, agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh chloinn Amoin.

12 Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin cuidichidh tusa leamsa: ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa, an sin cuidichidh mise leatsa.

13 Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.

14 Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, an aghaidh nan Sirianach gu cath; agus theich iad roimhe.

15 Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna ro Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a‑steach don bhaile. An sin thàinig Ioab gu Ierusalem.

16 Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa.

17 Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e orra, agus chuir e an cath ann an òrdagh nan aghaidh. Agus nuair a chuir Daibhidh an cath ann an òrdagh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris.

18 Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte.

19 Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan