Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Cheannsaich Daibhidh na Philistich, agus thug e na Moabaich fo chìs. 3 Bhuail e Hadareser agus na Sirianaich. 9 Chuir Tou a mhac le tìodhlacan a dh’ionnsaidh Dhaibhidh. 13 Chuir Daibhidh freiceadain ann an Edom. 15 A luchd‐dreuchd.

1 Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.

2 Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo.

3 Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.

4 Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd mìle marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.

5 Agus nuair a thàinig Sirianaich Dhamascais a chuideachadh le Hadareser rìgh Shobah, mharbh Daibhidh de na Sirianaich dà‑mìle‐fichead fear.

6 An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais; agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo. Agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.

7 Agus ghabh Daibhidh na sgiathan òir a bha air seirbhisich Hadareseir, agus thug e iad gu Ierusalem.

8 Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha.

9 Agus nuair a chuala Tou rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh uile shluagh Hadareseir rìgh Shobah,

10 Chuir e Hadoram a mhac gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e an aghaidh Hadareseir, agus gun do bhuail e e (oir bha Hadareser a’ cogadh ri Tou); agus leis‐san gach uile ghnè shoithichean òir, agus airgid agus umha.

11 Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus an òr a thug e o na cinnich seo uile; o Edom, agus o Mhòab, agus o chloinn Amoin, agus o na Philistich, agus o Amalec.

12 Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah de na h‑Edomaich ann an gleann an t‑salainn ochd‐mìle‐deug.

13 Agus chuir e freiceadain ann an Edom; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh gach taobh a chaidh e.

14 Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus bha e a’ cur an gnìomh breitheanais agus ceartais da shluagh uile.

15 Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

16 Agus Sadoc mac Ahituib, agus Ahimelech mac Abiatair nan sagartan; agus Sabhsa na sgrìobhaiche;

17 Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh a bu mhò inbhe mu thimcheall an rìgh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan