Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dh’òrdaich Daibhidh do na Lèbhithich an àirc a thoirt suas don àit a dh’ullaich e air a son. 29 Rinn Michal tàir air na cridhe nuair a chunnaic i e a’ dannsadh agus a’ cluicheadh.

1 Agus rinn Daibhidh dha fhèin taighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ullaich e àite do àirc Dhè, agus shuidhich e bùth dhi.

2 An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.

3 Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.

4 Agus chruinnich Daibhidh mic Aaroin agus na Lèbhithich:

5 De mhic Chohait: Uriel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus fichead.

6 De mhic Mherari: Asaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud agus fichead.

7 De mhic Ghersoim: Ioel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus deich‐ar‑fhichead.

8 De mhic Elisaphain: Semaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud.

9 De mhic Hebroin: Eliel an ceann, agus a bhràithrean ceithir fichead.

10 De mhic Udsieil: Aminadab an ceann, agus a bhràithrean ceud agus dà‑fhear‐dheug.

11 Agus ghairm Daibhidh air Sadoc agus Abiatar na sagartan, agus air na Lèbhithich, air Uriel, Asaiah agus Ioel, Sedmaiah, agus Eliel, agus Aminadab,

12 Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:

13 Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach.

14 Uime sin naomhaich na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, a thabhairt suas àirc an Tighearna Dia Israeil.

15 Agus ghiùlain mic nan Lèbhitheach àirc Dhè air an guaillean, leis na lunnan orra, mar a dh’àithn Maois a rèir facal an Tighearna.

16 Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd‐ciùil le innealan‐ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas.

17 Uime sin dh’òrdaich na Lèbhithich Heman mac Ioeil; agus de a bhràithrean, Asaph mac Bherechiah; agus de mhic Merari am bràithrean, Etan mac Chusaiah:

18 Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed‐edom, agus Ieiel, na dorsairean.

19 Agus bha an luchd‐ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha;

20 Agus Sechariah, agus Asiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, agus Eliab, agus Maaseiah, agus Benaiah, le saltairean air Alamot;

21 Agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed‐edom, agus Ieiel, agus Asasiah, le clàrsaichean air Seminit a thoirt barrachd.

22 Agus bha Cenaniah, uachdaran de na Lèbhithich, fa chomhair na laoidh: sheòl e mu thimcheall na laoidh, a chionn gu robh e eòlach.

23 Ach bha Berechiah agus Elcanah nan dorsairean don àirc.

24 Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed‐edom agus Iehiah nan luchd‐gleidhidh doras na h‑àirce.

25 Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirc coicheangal an Tighearna à taigh Obed‐edoim le aoibhneas.

26 Agus nuair a chuidich Dia leis na Lèbhithich a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, dh’ìobair iad seachd tairbh òga agus seachd reitheachan.

27 Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd‐ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear‐seinn, am measg an luchd‐ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.

28 Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.

29 Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna a‑steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a‑mach air uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ dannsa agus a’ cluich; agus rinn i tàir air na cridhe.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan