Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Hiram fiodh agus clachairean a dh’ionnsaidh Dhaibhidh. 4 Ainmean a chloinne a rugadh dha ann an Ierusalem. 8 Bhuail Daibhidh na Philistich dà uair le àr mòr.

1 A‑nis chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus clachairean, agus saoir, a thogail taighe dha.

2 Agus dh’aithnich Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaicheadh gu mòr a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

3 Agus ghabh Daibhidh tuilleadh bhan ann an Ierusalem; agus ghin Daibhidh fhathast mic agus nigheanan.

4 Agus is iad seo ainmean a chloinne a bha aige ann an Ierusalem; Samua, agus Sobab, Nàtan, agas Solamh,

5 Agus Ibhar, agus Elisua, agus Elphalet,

6 Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia,

7 Agus Elisama, agus Beeliada, agus Eliphalet.

8 Agus nuair a chuala na Philistich gun d’ungadh Daibhidh na rìgh air Israel uile, thàinig na Philistich gu lèir a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh: agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e a‑mach nan aghaidh.

9 Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim.

10 Agus dh’fhiosraich Daibhidh de Dhia, ag ràdh, An tèid mi suas an aghaidh nam Philisteach, agus an toir thu thairis iad am làimh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Gabh suas, agus bheir mi thairis iad ad làimh.

11 Agus thàinig iad gu Bàal‐perasim; agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chèile lem làimh‐sa, mar bhriseadh uisgeachan: uime sin thug iad Bàal‐perasim mar ainm air an àite sin.

12 Agus dh’fhàg iad an diathan an sin, agus thug Daibhidh àithne, agus loisgeadh iad le teine.

13 Agus thàinig na Philistich a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin anns a’ ghleann.

14 Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs de Dhia; agus thubhairt Dia ris, Na gabh suas nan dèidh; tionndaidh air falbh uapa, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur.

15 Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am barran craobhan nan smeur, an sin thèid thu a‑mach a‑chum catha; oir thèid Dia a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.

16 Agus rinn Daibhidh mar a dh’àithn Dia dha: agus bhuail iad feachd nam Philisteach o Ghibeon eadhon gu Gaser.

17 Agus chaidh ainm Dhaibhidh a‑mach do gach tìr, agus thug an Tighearna a eagal‐san air na h‑uile chinnich.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan