Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eachdraidh 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na buidhnean a thàinig a dh’ionnsaidh Dhaibhidh gu Siclag. 23 Na daoine armaichte a thàinig da ionnsaigh gu Hebron.

1 A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd‐cuideachaidh anns a’ chogadh.

2 Bha iad armaichte le boghachan, agus teòma leis an làimh dheis agus chlì air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon de bhràithrean Shauil de Bheniàmin.

3 B’e Ahieser a bu bharraichte dhiubh, an sin Iòas, mic Shemaah an Gibeatach; agus Iesiel agus Pelet, mic Asmabheit; agus Beracha, agus Iehu an t‑Anatotach,

4 Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich‐ar‑fhichead, agus os cionn an deich‐ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,

5 Elusai, agus Ierimot, agus Bealiah, agus Semariah, agus Sephatiah an Haruphach,

6 Elcanah, agus Iesia, agus Asareel, agus Ioeser, agus Iasobeam, na Corhaich,

7 Agus Ioelah, agus Sebadiah, mic Ierobaim o Ghedor.

8 Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir‐chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

9 Eser an ciad fhear, Obadiah an dara, Eliab an treasa,

10 Mismanah an ceathramh, Ieremiah an còigeamh,

11 Atal siathamh, Eliel an seachdamh,

12 Iohanan an t‑ochdamh, Elsabad an naoidheamh,

13 Ieremiah an deicheamh, Machbanai an t‑aon‐fhear‐deug.

14 Bha iad sin de mhic Ghad nan ceannardan an t‑slòigh: an t‑aon a bu lugha dhiubh os cionn ceud, agus an t‑aon a bu mhò os cionn mìle.

15 Sin iadsan a chaidh thairis air Iòrdan anns a’ chiad mhìos, nuair a bha sruth a’ cur thairis air a bruachan uile; agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h‑àird an ear agus na h‑àird an iar.

16 Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

17 Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh‐sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.

18 An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd‐cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.

19 Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann‐ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna.

20 Nuair a bha e a’ dol gu Siclag, chaidh thairis da ionnsaigh de Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn‐fheadhna nam mìltean a bha de Mhanaseh.

21 Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd.

22 Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè.

23 Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh‐san a rèir facal an Tighearna:

24 Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh.

25 De mhic Shimeoin, fir threuna gu cogadh, seachd mìle agus ceud.

26 De mhic Lèbhi, ceithir mìle agus sia ceud.

27 Agus Iehoiada, ceannard nan Aaronach, agus maille ris trì mìle agus seachd ceud.

28 Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.

29 Agus de mhic Bheniàmin, luchd‐dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil.

30 Agus de mhic Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an taigh an athraichean.

31 Agus de leth‐threubh Mhanaseh, ochd‐mìle‐deug, a dh’ainmicheadh air an ainmean, gu teachd a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh.

32 Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh‐san.

33 De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe.

34 Agus de Naphtali mìle ceannard, agus maille riùsan, le sgèith agus sleagh, seachd‐mìle‐deug ar fhichead.

35 Agus de na Danaich, teòma ann an cogadh, ochd‐mìle‐fichead agus sia ceud.

36 Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle.

37 Agus air an taobh eile de Iòrdan, de na Reubenaich, agus de na Gadaich, agus de leth‐threubh Mhanaseh, le uile innealan cogaidh a‑chum catha, ceud agus fichead mìle.

38 Na fir‐chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

39 Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son.

40 A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan