1 Eachdraidh 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinneadh Daibhidh na rìgh air Israel aig Hebron. 5 Ghlac e tùr Shioin. 10 Àireamh a dhaoine treuna. 1 An sin chruinnich Israel uile iad fhèin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, ag ràdh, Feuch is sinne do chnàimh agus d’fheòil. 2 Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bithidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil. 4 Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu Ierusalem (is e sin Iebus), far an robh na h‑Iebusaich, luchd‐àiteachaidh an fhearainn. 5 Agus thubhairt luchd‐àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh. 6 Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard. 7 Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an tùr; uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air. 8 Agus thog e am baile mun cuairt, eadhon o Mhilo mun cuairt: agus chuir Ioab suas a‑rìs a’ chuid eile den bhaile. 9 Agus dh’fhàs Daibhidh na bu mhò, agus na bu mhò; oir bha Tighearna nan sluagh leis. 10 Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil. 11 Agus is e seo àireamh nan daoine treuna a bha aig Daibhidh; Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir: thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm. 12 Agus na dhèidh‐san bha Eleàsar, mac Dhodo, an t‑Ahohach: b’aon esan de na trì gaisgich. 13 Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas‐damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich. 14 Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir. 15 A‑nis chaidh triùir de na deich‐ceannardan‐fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim. 16 Agus bha Daibhidh an sin anns an daingneach; agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem. 17 Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O nach tugadh neach dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha aig a’ gheata! 18 Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna. 19 Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn‐sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna. 20 Agus bha Abisai, bràthair Ioaib, na cheann air triùir: agus thog e a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus bha ainm aige am measg thriùir. 21 Den triùir b’e a b’urramaiche na an dithis, agus bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir. 22 Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda. 23 Agus mharbh e Eiphiteach, duine de mheudachd mhòir, còig làmhan‐coille air àirde; agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhail ri garman figheadair: ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich, agus mharbh e le a shleagh fhèin e. 24 Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada, agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna. 25 Feuch, den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain. 26 Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem, 27 Samot an Harorach, Heles am Pelonach, 28 Ira mac Iceis an Tecoach, Abieser an t‑Anatotach, 29 Sibecai an Husatach, Ilai an t‑Ahohach, 30 Maharari an Netophatach, Heled mac Bhaanah an Netophatach, 31 Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin, Benaiah am Piratonach, 32 Hurai o shruthan Ghaais, Abiel an t‑Arbatach, 33 Asmabhet am Baharumach, Eliabha an Saalbonach. 34 Mic Haseim an Gisonach: Ionatan mac Shage an Hararach, 35 Ahiam mac Shacair an Hararach, Eliphal mac Uir, 36 Hepher am Mecheratach, Ahiah am Pelonach, 37 Hesro an Carmeleach, Naarai mac Esbai, 38 Ioel bràthair Nàtain, Mibchar mac Hageri, 39 Selec an t‑Amonach, Naharai am Berotach, fear‐iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah, 40 Ira an t‑Itreach, Gareb, an t‑Itreach, 41 Uriah an Hiteach, Sabad mac Ahlai, 42 Adina mac Shisa an Reubeneach, ceannard de na Reubenich, agus deich‐ar‑fhichead maille ris, 43 Hanan mac Mhaacah, agus Iosaphat am Mitneach, 44 Udsia an t‑Asteratach, Sama agus Iehiel mic Hotaim an t‑Aroerach, 45 Iediael mac Shimri, agus Ioha a bhràthair an Tidseach, 46 Eliel am Mahabhach, agus Ieribai agus Iosabhiah mic Elnaaim, agus Itmah am Mòabach, 47 Eliel, agus Obed, agus Iasiel o Mhesobia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society