1 Corintianach 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Is còir fantainn o bhiadhan a dh’ìobradh do iodhalan. 8 Chan fhaod sinn ar saorsa Chrìosdaidh a mhì‐ghnàthachadh, a‑chum oilbheim dar bràithrean; 11 ach is còir dhuinn ar n‑eòlas a chìosnachadh le gràdh. 1 A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam. 2 Agus ma tha aon duine a’ saoilsinn gur aithne dha nì sam bith, chan aithne dha aon nì fhathast mar a bu chòir dha aithneachadh. 3 Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis. 4 Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon. 5 Oir ged tha iad ann ris an abrar diathan, mas ann air nèamh no air thalamh (amhail mar tha iomadh dia, agus iomadh tighearna ann), 6 Gidheadh dhuinne chan eil ach aon Dia, an t‑Athair, om bheil na h‑uile nithean, agus sinne air a shon‐san; agus aon Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil na h‑uile nithean, agus sinne trìdsan. 7 Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh. 8 Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e. 9 Ach thugaibh an aire nach bi an comas seo a tha agaibh air aon dòigh na adhbhar oilbheim don dream a tha lag. 10 Oir ma chì neach thusa aig a bheil eòlas a’ suidhe a‑chum bìdh ann an teampall iodhail, nach neartaichear cogais an tì sin a tha lag a‑chum na nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan ithe: 11 Agus tre d’eòlas‐sa an tèid do bhràthair lag am mugha, airson an d’fhuair Crìosd bàs? 12 Ach le peacachadh dhuibh mar sin an aghaidh nam bràithrean, agus len cogais anfhann a lotadh, tha sibh a’ peacachadh an aghaidh Chrìosd. 13 Uime sin ma bheir biadh adhbhar oilbheim dom bhràthair, chan ith mi feòil a‑chaoidh, a‑chum nach toir mi adhbhar oilbheim dom bhràthair. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society