1 Corintianach 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chan fhaod na Corintianaich dragh a chur air am bràithrean len agairt a‑chum lagha, 6 gu h‑àraidh an làthair nan ana‑creidmheach. 9 Cha sealbhaich na neo‐fhìreanaich rìoghachd Dhè. 15 Is iad ar cuirp buill Chrìosd, 19 agus teampaill an Spioraid Naoimh; 16 uime sin chan fhaodar an truailleadh. 1 A bheil a chridhe aig aon neach agaibh, aig a bheil cùis an aghaidh duine eile, dol fo bhreitheanas nan daoine eucorach, agus chan ann fo bhreitheanas nan naomh? 2 Nach eil fhios agaibh gun toir na naoimh breith air an t‑saoghal? Agus ma bheirear breith air an t‑saoghal leibhse, an e nach fiù sibh a bhith nur britheamhan air na cùisean as lugha? 3 Nach eil fhios agaibh gun toir sinne breith air ainglean? Cia mò na sin air nithean a bhuineas don bheatha seo? 4 Uime sin ma tha breitheanais agaibh mu thimcheall nan nithean sin a bhuineas don bheatha seo, cuiribh nan suidhe a‑chum breitheanais an dream as lugha meas anns an eaglais. 5 A‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt. An ann mar sin nach eil aon duine glic nur measg? Nach eil fiù a h‑aon as urrainn breith a thoirt eadar a bhràithrean? 6 Ach tha bràthair a’ dol gu lagh ri bràthair, agus seo an làthair nan ana‑creidmheach. 7 A‑nis uime sin tha gu cinnteach lochd nur measg, do bhrìgh gu bheil sibh a’ dol gu lagh ri chèile: carson nach fheàrr leibh eucoir fhulang? Carson nach fheàrr leibh calldach a ghabhail? 8 Gidheadh tha sibh a’ dèanamh eucoir agus dìobhail, agus sin air ur bràithrean. 9 Nach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd‐dèanamh na h‑eucoir rìoghachd Dhè? Na meallar sibh: cha sealbhaich luchd‐strìopachais, no luchd‐iodhal‐adhraidh, no luchd‐adhaltranais, no luchd‐macnais, no na daoine a tha ciontach de neò‐ghlaine mhì‐nàdurra, 10 No gadaichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd‐ana‐cainnt, no luchd‐fòirneirt, rìoghachd Dhè. 11 Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne. 12 Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith. 13 Tha am biadh airson na bronn, agus a’ bhrù airson a’ bhìdh: ach sgriosaidh Dia araon seo agus siud. A‑nis chan ann airson neòghlaine tha an corp, ach airson an Tighearna: agus an Tighearna airson a’ chuirp. 14 Agus thog Dia araon an Tighearna suas, agus togaidh e sinne suas tre a chumhachd fhèin mar an ceudna. 15 Nach eil fhios agaibh gur iad ur cuirp buill Chrìosd? Uime sin an gabh mise buill Chrìosd, agus an dèan mi buill strìopaich dhiubh? Nar leigeadh Dia. 16 An e nach eil fhios agaibh, an tì sin a tha ceangailte ri strìopaich, gur aon chorp rithe e? Oir (tha e ag ràdh), bidh dithis nan aon fheòil. 17 Ach an tì a tha ceangailte ris an Tighearna, is aon spiorad ris e. 18 Teichibh o strìopachas. Tha gach aon pheacadh a nì duine an leth a‑muigh den chorp: ach an tì a nì strìopachas, tha e a’ peacachadh an aghaibh a chuirp fhèin. 19 An e nach eil fhios agaibh gur e ur corp teampall an Spioraid Naoimh a tha annaibh, a tha agaibh o Dhia, agus cha leibh fhèin sibh? 20 Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society