Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha an duine neòghlan nas mò na chùis‐nàire dhaibh, na na adhbhar gàirdeachais. 7 Is còir an t‑seann gheur‐thaois a ghlanadh a‑mach. 10 Is còir peacaich ghràineil a sheachnadh.

1 Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar.

2 Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo.

3 Oir gu deimhinn air dhòmhsa a bhith uaibh anns a’ cholainn, ach an làthair agaibh ann an spiorad, thug mi breith cheana, mar gum bithinn an làthair, air an neach a rinn seo mar seo;

4 Ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, air dhuibhse agus dom spiorad‐sa a bhith cruinn an ceann a chèile, maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa Crìosd;

5 A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa.

6 Chan eil ur n‑uaill math: nach eil fhios agaibh gun gortaich beagan de thaois ghoirt am meall uile?

7 Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo‐ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan‐càisge air ìobradh air ar son.

8 Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo‐ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.

9 Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh ann an litir, gun choluadar a bhith agaibh ri luchd‐neòghlaine:

10 Gidheadh chan ann gu h‑uile ri luchd‐neòghlaine an t‑saoghail seo, no ri luchd‐sannt, no luchd‐fòirneirt, no luchd‐iodhal‐adhraidh; oir an sin b’èiginn dhuibh dol a‑mach as an t‑saoghal.

11 Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear‐neòghlaine, no sanntach, no na fhear‐iodhal‐adhraidh, no na fhear‐ana‐cainnt, no na mhisgeir, no na fhear‐fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.

12 Oir ciod e mo ghnothach‐sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach eil sibhse a’ toirt breith air an dream a tha a‑staigh?

13 Ach tha Dia a’ toirt breith orrasan a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan