1 Corintianach 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Ghuidh Pòl air na Corintianaich fuasgladh air uireasbhaidh nam bràithrean bochda ann an Ierusalem. 10 Mhol e Timòteus; 13 agus an dèidh chomhairlean càirdeil, 19 chrìochnaich e an litir le iomadh fàilte. 1 A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh‐se mar an ceudna. 2 Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise. 3 Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem. 4 Agus mas iomchaidh mise a dhol mar an ceudna, thèid iadsan am chuideachd. 5 Agus thig mi dur n‑ionnsaigh‐se, nuair a thèid mi tro Mhacedònia (oir tha mi a’ dol tro Mhacedònia:) 6 Agus faodaidh e a bhith gum fan mi, no eadhon gun caith mi an geamhradh maille ribh, a‑chum gun toir sibh air m’aghaidh mi, ge bè àite don tèid mi. 7 Oir chan àill leam ur faicinn a‑nis anns an dol seachad; ach tha dùil agam fantainn rè tamaill maille ribh, ma leigeas an Tighearna dhomh. 8 Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis. 9 Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann. 10 A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise. 11 Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh‐sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean. 12 Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh‐se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh. 13 Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir. 14 Biodh ur n‑uile nithean air an dèanamh le gràdh. 15 Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad‐thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh), 16 Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne. 17 Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh‐se. 18 Oir thug iad suaimhneas dom spiorad‐sa, agus dur spiorad‐se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin. 19 Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr‐fhàilte oirbh anns an Tighearna. 20 Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh‐se fàilte air a chèile le pòig naoimh. 21 Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin. 22 Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta. 23 Gu robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd maille ribh. 24 Mo ghràdh‐sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society