Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha tìodhlacan spioradail ioma‑gnètheach, 7 gidheadh tha iad uile gu tairbhe, 8 agus a‑chum na crìche seo air an toirt air caochladh dòigh: 12 a‑chum a rèir mar tha buill a’ chuirp nàdarra uile a‑chum maise, 22 agus seirbhis an aon chuirp; 27 mar sin gum bitheamaid‐ne dha chèile, a dhèanamh suas cuirp dhìomhair Chrìosd.

1 A‑nis a‑thaobh thìodhlacan spioradail, a bhràithrean, chan àill leam sibh a bhith aineolach.

2 Tha fhios agaibh gu robh sibh nur Cinnich, air ur tarraing gu iodhalan balbha, a rèir mar a threòraicheadh sibh.

3 Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.

4 A‑nis tha eadar‐dhealachadh thìodhlacan ann, ach chan eil ach aon Spiorad ann.

5 Agus tha eadar‐dhealachadh frithealaidh ann, gidheadh chan eil ach aon Tighearna ann.

6 Agus tha eadar‐dhealachadh obrachaidh ann, ach is e an t‑aon Dia a tha ag obrachadh nan uile nithean anns na h‑uile.

7 Ach tha foillseachadh an Spioraid air a thoirt do gach neach, a‑chum tairbhe.

8 Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna;

9 Do neach eile creideamh leis an Spiorad cheudna; do dhuine eile tìodhlacan leighis tre an Spiorad cheudna;

10 Do neach eile obrachadh mhìorbhailean; do neach eile fàidheadaireachd; do neach eile aithneachadh spiorad; do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eadar‐mhìneachadh theanga.

11 Ach na nithean sin uile tha an t‑aon Spiorad ceudna ag obrachadh, a’ roinn ris gach aon fa leth a rèir mar as àill leis.

12 Oir mar as aon an corp, agus mòran de bhuill aige, agus a tha uile bhuill an aon chuirp sin, ge h‑iomadh iad, nan aon chorp, mar sin mar an ceudna tha Crìosd.

13 Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid.

14 Oir chan aon bhall an corp, ach mòran.

15 Ma their a’ chas, Do bhrìgh nach mi an làmh, chan ann den chorp mi; nach eil i den chorp air a shon sin?

16 Agus ma their a’ chluas, Do bhrìgh nach mi an t‑sùil, chan ann den chorp mi; nach ann den chorp i air a shon sin?

17 Nam biodh an corp uile na shùil càit am biodh a’ chlaisteachd? Nam biodh e uile na chlaisteachd, càit am biodh an fhàile?

18 Ach a‑nis shuidhich Dia na buill gach aon dhiubh anns a’ chorp, mar bu toil leis.

19 Agus nam biodh iad uile nan aon bhall, càit am biodh an corp?

20 Ach a‑nis tha iad nam mòran bhall, ged nach eil ann ach aon chorp.

21 Agus chan urrainn an t‑sùil a ràdh ris an làimh, Chan eil feum agam ort: no a‑rìs, an ceann ris na casan, Chan eil feum agam oirbhse.

22 Ach gu ro‑mhòr nas mò tha na buill sin den chorp as anfhainne a‑thaobh coslais, feumail:

23 Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg‐ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise.

24 Oir air na buill mhaiseach againn chan eil uireasbhaidh: ach rinn Dia an corp a cho‐chumadh ri chèile, air dha an tuilleadh urraim gu mòr a thoirt don chuid air an robh uireasbhaidh:

25 A‑chum nach biodh eas‐aonachd air bith anns a’ chorp; ach gum biodh an t‑aon chùram aig an buill da chèile.

26 Agus ma dh’fhuilingeas aon bhall, co‑fhuilingidh na buill uile; no ma gheibh aon bhall urram, nì na buill uile gàirdeachas maille ris.

27 A‑nis is sibhse corp Chrìosd, agus is buill sibh fa leth.

28 Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd‐teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd‐cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

29 A bheil na h‑uile nan abstoil? A bheil na h‑uile nam fàidhean? A bheil na h‑uile nan luchd‐teagaisg? A bheil na h‑uile nan luchd‐dèanamh mhìorbhailean?

30 A bheil aig na h‑uile tìodhlacan leighis? An labhair na h‑uile le teangaidhean? An dèan na h‑uile eadar‐theangachadh?

31 Ach biodh miann dùrachdach nan tìodhlacan as fheàrr oirbh: agus gidheadh tha mise a’ nochdadh dhuibh slighe as ro‑fheàrr.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan