1 Corintianach 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha sàcramaidean nan Iùdhach nan samhladh air ar sàcramaidean‐ne; 14 agus am peanas mar rabhadh dhuinn iodhal‐adhradh a sheachnadh. 21 Chan fhaod sinn a bhith nar luchd‐comhpairt de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan faraon, etc. 1 Os bàrr, a bhràithrean, cha b’àill leam sibhse a bhith aineolach gu robh ar n‑athraichean uile fon neul, agus gun deachaidh iad uile tron mhuir; 2 Agus gun do bhaisteadh iad uile do Mhaois anns an neul, agus anns a’ mhuir; 3 Agus gun d’ith iad uile an t‑aon bhiadh spioradail; 4 Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd): 5 Ach le mòran dhiubh cha robh Dia toilichte: oir sgriosadh anns an fhàsach iad. 6 A‑nis bha na nithean sin nan samplairean dhuinne, a‑chum nach miannaicheamaid droch nithean, eadhon mar a mhiannaich iadsan. 7 Agus na bithibh‐se nur luchd‐iodhal‐adhraidh, mar a bha cuid dhiubhsan; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Shuidh am poball sìos a dh’ithe agus a dh’òl, agus dh’èirich iad a chluiche. 8 Agus na dèanamaid strìopachas, mar a rinn cuid dhiubhsan, agus a thuit dhiubh ann an aon là trì‐mìle‐fichead. 9 Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe. 10 Agus na dèanabh‐se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair. 11 A‑nis thachair na nithean seo uile dhaibhsan mar eiseimpleirean: agus sgrìobhadh iad a‑chum teagaisg dhuinne, air a bheil deireadh an t‑saoghail air teachd. 12 Uime sin an tì a shaoileas a bhith na sheasamh, thugadh e aire nach tuit e. 13 Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan. 14 Air an adhbhar sin, a mhuinntir mo ghràidh, teichibh o iodhal‐adhradh. 15 Tha mi a’ labhairt mar ri daoine tuigseach: thugaibh‐se breith air an nì a tha mi ag ràdh. 16 Cupan a’ bheannachaidh a tha sinne a’ beannachadh, nach e comann fuil Chrìosd e: an t‑aran a tha sinn a’ briseadh, nach e comann corp Chrìosd e? 17 Oir ged tha sinne nar mòran, is aon aran agus aon chorp sinn: oir tha againn uile compàirt den aon aran. 18 Thugaibh fa‑near Israel a rèir na feòla: nach eil acasan a tha ag ithe nan ìobairt co‑roinn ris an altair? 19 Ciod a their mi uime sin? Gu bheil brìgh air bith anns an iodhal, no gu bheil brìgh air bith anns an nì a dh’ìobradh do iodhalan? 20 Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain. 21 Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan. 22 Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan? 23 Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh: tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach cha toir na h‑uile nithean fòghlam. 24 Na iarradh neach air bith an nì sin a bhuineas dha fhèin; ach iarradh gach aon an nì sin a thig ri math neach eile. 25 Ithibh gach nì a reicear ann am margadh na feòla, gun cheist air bith fheòraich air sgàth cogais. 26 Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn. 27 Ma bheir aon neach dhiubhsan nach eil nan creidmhich cuireadh dhuibh, agus gur toil leibh dol maille ris, ithibh gach nì a chuirear romhaibh, gun nì sam bith fheòraich air sgàth cogais. 28 Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth‐san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn. 29 Air sgàth cogais, tha mi ag ràdh, chan i do chogais fhèin, ach cogais an neach ud eile: oir carson a bheirear breith air mo shaorsa‐sa le cogais duine eile? 30 Oir, ma tha compàirt bìdh agamsa tre ghràs, carson a labhrar olc umam a‑thaobh an nì sin airson a bheil mi a’ toirt buidheachais? 31 Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè. 32 Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè: 33 A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society