Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sephaniah 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Cruinnichibh sibh fhèin ri chèile, seadh cruinnichibh ri chèile, O fhine gun iarraidh:

2 Mun tig an t‑òrdagh gu buil, mun siubhail ur là seachad mar mholl; mun tig corraich gharg an Tighearna oirbh, mun tig là fearg an Tighearna oirbh.

3 Iarraibh-se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna.

4 Gu dearbh trèigear Gàsa, agus cuirear fàs Ascelon: fògraidh iad a‑mach Asdod air mheadhon-là; agus bidh Ecron air a spìonadh à freumh.

5 Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh.

6 Agus bidh taobh na fairge na bhothain aig buachaillean, agus na mhainnirean aig treudan.

7 Agus bidh an slios aig iarmad taigh Iùdah; ionaltraidh iad air: ann an taighean Asceloin laighidh iad sìos anns an anmoch: oir thig an Tighearna an Dia gan amharc, agus bheir e air an ais am braighdean.

8 Chuala mise masladh Mhòaib, agus ana-cainnt chloinn Amoin, leis an do rinn iad mo shluagh-sa a mhaslachadh, agus iad fhèin a mheudachadh an aghaidh an crìochan.

9 Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh; gu deimhinn bidh Mòab mar Shòdom, agus clann Amoin mar Ghomorrah, na fhàsach fheanntagaich, agus na phuill shalainn, agus na lèirsgrios sìorraidh; nì fuidheall mo shluaigh-sa an creachadh, agus iarmad mo chinnich an sealbhachadh.

10 Seo gheibh iad airson an uabhair, a chionn gun tug iad masladh, agus gun do mheudaich iad iad fhèin an aghaidh cinneach Tighearna nan sluagh.

11 Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.

12 Sibhse, Etiopacha, mar an ceudna, marbhar sibh fhèin leis a’ chlaidheamh.

13 Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach.

14 Agus laighidh treudan sìos na meadhon, uile bheathaichean na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh na h‑àrd-dhorais: bidh am fuaim na h‑uinneagan: bidh fàsalachd anns an sgàth-thaigh: oir leigidh e ris a h‑obair sheudair.

15 Seo a’ chathair luathghaireach a ghabh còmhnaidh gu neo-umhaileach; a thubhairt na cridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. Cionnas a dh’fhàs i na fàsach, na h‑àite airson bheathaichean gu laighe sìos ann! Nì gach aon a thèid seachad sgeig oirre, agus crathaidh e a làmh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan