Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sechariah 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh, ag ràdh,

2 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Bha mise eudmhor airson Shioin le eud mòr, agus bha mi eudmhor air a son le mòr-chorraich.

3 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thill mise gu Sion, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann an Ierusalem; agus goirear ri Ierusalem, Baile fìrinn, agus ri sliabh Tighearna nan sluagh, Sliabh naomh.

4 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Gabhaidh seann daoine agus seana mhnathan còmhnaidh fhathast ann an sràidean Ierusaleim, agus gach duine le a luirg na làimh le ro‑aois.

5 Agus bidh sràidean a’ bhaile làn de mhacain agus de nìonagan, a’ cluich na sràidean.

6 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma bhios e iongantach ann an sùilean iarmad an t‑sluaigh seo anns na làithean sin, am bi e iongantach ann am shùilean-sa fòs? deir Tighearna nan sluagh.

7 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, saoraidh mise mo shluagh on tìr an ear, agus on tìr an iar:

8 Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.

9 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Biodh ur làmhan làidir, sibhse a tha a’ cluinntinn, anns na làithean seo, nam briathran seo à beul nam fàidhean, a tha anns an là anns a bheil stèidh taigh Tighearna nan sluagh ga suidheachadh, eadhon an teampaill, a‑chum gum biodh e air a thogail.

10 Oir ro na làithean seo, cha robh luach-saothrach air bith aig duine, no luach-saothrach air bith aig ainmhidh; cha mhò a bha sìth aig an tì a rachadh a‑mach, no a thigeadh a‑steach, leis an teinn; oir chuir mise na h‑uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich.

11 Ach a‑nis cha bhi mi do iarmad an t‑sluaigh seo mar anns na làithean roimhe seo, deir Tighearna nan sluagh.

12 Oir soirbhichidh an sìol; bheir an fhìonain seachad a meas, agus bheir an talamh seachad a thoradh, agus bheir na nèamhan seachad an drùchd; agus bheir mise air iarmad an t‑sluaigh seo na nithean seo gu lèir a shealbhachadh.

13 Agus tàrlaidh, mar a bha sibh nur mallachadh am measg nan cinneach, O thaigh Iùdah, agus a thaigh Israeil, is amhail a shaoras mise sibh, agus bidh sibh nur beannachadh. Na biodh eagal oirbh, biodh ur làmhan làidir.

14 Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Mar a chuir mi romham olc a dhèanamh oirbh, nuair a bhrosnaich ur n‑athraichean mi gu feirg, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus nach do ghabh mi aithreachas;

15 Mar sin smaoinich mi a‑rìs, anns na làithean seo, math a dhèanamh do Ierusalem, agus do thaigh Iùdah. Na biodh eagal oirbhse.

16 Seo na nithean a nì sibh: Labhraibh, gach neach an fhìrinn ra choimhearsnach: dèanaibh breitheanas na fìrinn agus na sìthe nur geatachan:

17 Agus na dealbhaibh nur cridhe gach aon neach olc an aghaidh a choimhearsnaich, agus na gràdhaichibh mionnan brèige sam bith: oir na nithean seo uile is fuathach leamsa, deir an Tighearna.

18 Agus thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh, ag ràdh,

19 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Trasg a’ cheathramh mìos, agus trasg a’ chòigeamh, agus trasg an t‑seachdamh, agus trasg an deicheamh, bidh do thaigh Iùdah nan aoibhneas agus nan gàirdeachas, agus nam fèillean subhach; a‑mhàin gràdhaichibh-se fìrinn agus sìochaint.

20 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast tàrlaidh gun tig mòran dhaoine, agus luchd-àiteachaidh mòran bhailtean:

21 Agus thèid luchd-àiteachaidh aon bhaile gu aon eile, ag ràdh, Rachamaid da‑rìribh a dhèanamh ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh: thèid mise mar an ceudna.

22 Seadh, thig mòran shluagh, agus cinnich chumhachdach, a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh ann an Ierusalem, agus a ghuidhe an làthair an Tighearna.

23 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan