Sechariah 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàrladh ann an ceathramh bliadhna Dhariuis gun tàinig facal an Tighearna gu Sechariah, air a’ cheathramh là den naoidheamh mìos, eadhon Chisleu. 2 (Nuair a chuir iad gu taigh Dhè, Seresar agus Regemelech, agus an daoine a dh’fhiosrachadh an làthair an Tighearna; 3 A labhairt ris na sagartan a bha ann an taigh Tighearna nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag ràdh, An dèan mi gul anns a’ chòigeamh mìos, gam dhealachadh fhèin, mar a rinn mi an iomadh bliadhna seo?) 4 An sin thàinig facal Tighearna nan sluagh am ionnsaigh-sa, ag ràdh, 5 Labhair ri uile shluagh an fhearainn, agus ris na sagartan, ag ràdh, Nuair a thraisg agus a ghuil sibh anns a’ chòigeamh agus anns an t‑seachdamh mìos, eadhon na deich agus trì-fichead bliadhna seo, an do thraisg sibh idir air mo shon-sa, eadhon air mo shon-sa? 6 Agus nuair a dh’ith sibh, agus nuair a dh’òl sibh, nach d’ith sibh air ur son fhèin, agus nach d’òl sibh air ur son fhèin? 7 Nach iad seo na briathran a dh’èigh an Tighearna leis na ciad fhàidhean, nuair a bha Ierusalem air a h‑àiteachadh, agus a’ soirbheachadh, agus a bailtean mun cuairt dhi; agus an taobh deas agus an còmhnard air an àiteachadh? 8 An sin thàinig facal an Tighearna gu Sechariah, ag ràdh, 9 Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Cuiribh an gnìomh ceart-bhreitheanas, agus nochdaibh tròcair agus iochd, gach duine da bhràthair: 10 Agus na sàraichibh a’ bhantrach, no an dìlleachdan, an coigreach, no am bochd; agus na smaoinicheadh neach air bith agaibh nur cridhe olc an aghaidh a bhràthar. 11 Ach dhiùlt iadsan èisdeachd, agus tharraing iad a’ ghuala on chuing, agus dhruid iad an cluasan, a‑chum nach cluinneadh iad. 12 Seadh, rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Tighearna nan sluagh le a spiorad, leis na fàidhean roimhe seo: air an adhbhar sin, thàinig corraich mhòr o Thighearna nan sluagh. 13 Agus thachair amhail a ghlaodh mise, agus nach d’èisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’èisd mise, deir Tighearna nan sluagh. 14 Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach. |