Sechariah 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thog mi suas mo shùilean a‑rìs agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ròla ag itealaich. 2 Agus thubhairt esan rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus fhreagair mise, tha mi a’ faicinn ròla ag itealaich, fichead làmh-choille air fad, agus deich làmhan-coille air leud. 3 An sin thubhairt e rium, Is e seo am mallachd a tha a’ dol a‑mach air aghaidh an fhearainn uile: agus gearrar as gach aon a ghoideas, mar air an taobh seo dheth: agus gearrar as gach aon a mhionnaicheas, mar air an taobh sin dheth. 4 Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e. 5 An sin chaidh an t‑aingeal a labhair rium a‑mach, agus thubhairt e rium, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic ciod seo a tha a’ dol a‑mach. 6 Agus thubhairt mise, Ciod e? Agus thubhairt esan, Seo ephah a tha a’ dol a‑mach. Agus thubhairt e, Is i seo an samhladh anns an fhearann uile. 7 Agus, feuch, bha tàlann luaidhe air a thogail suas: agus, feuch, bean na suidhe ann am meadhon na h‑ephah. 8 Agus thubhairt e, Is i seo Aingidheachd: agus thilg e i ann am meadhon na h‑ephah; agus chuir e an cudthrom luaidhe air a beul. 9 An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi; agus, feuch, thàinig a‑mach dà mhnaoi, agus a’ ghaoth nan sgiathan; (oir bha sgiathan aca mar sgiathan corra-glaise); agus thog iad an ephah suas eadar an talamh agus na nèamhan. 10 An sin thubhairt mise ris an aingeal a labhair rium, Càit a bheil iad seo a’ giùlan na h‑ephah? 11 Agus thubhairt e rium, A thogail taighe dhi ann an tìr Shìnair; agus bidh i air a daingneachadh, agus air a suidheachadh an sin air a bonn. |