Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 98 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Salm.

1 O seinnibh don Tighearna laoidh nuadh, oir rinn e nithean iongantach; dh’obraich a dheaslàmh agus a ghàirdean naomh slàinte dha.

2 Thaisbein an Tighearna a shlàinte; ann an sealladh nan cinneach dh’fhoillsich e a fhìreantachd.

3 Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè.

4 Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù.

5 Seinnibh don Tighearna le clàrsaich, le clàrsaich agus guth sailme.

6 Le trompaidean agus guth na h‑adhairc, togaibh iolach ait an làthair an Rìgh Iehòbhah.

7 Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.

8 Buaileadh na tuiltean am basan; cuideachd dèanadh na beanntan luathghaire

9 An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd a thabhairt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, agus air na slòigh ann an ceartas.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan