Salm 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Don àrd-fhear-ciùil air Gitit. Salm le Daibhidh. 1 O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh. 2 A beul naoidhean agus chìochran dh’òrdaich thu neart, airson do naimhdean, a‑chum gun caisgeadh tu an nàmhaid agus an dìoghaltach. 3 Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhan, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultan, a shuidhich thu; 4 Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e? 5 Rinn thu e beagan na b’ìsle na na h‑ainglean, agus chrùn thu e le glòir agus le urram. 6 Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan; 7 Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na machrach; 8 Eunlaith nan speur, agus iasg na mara, a shiùbhlas air slighean nan cuan. 9 O Iehòbhah ar Tighearna, cia òirdheirc d’ainm air feadh na talmhainn uile! |