Salm 54 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Maschil le Daibhidh nuair a thàinig na Siphich agus a thubhairt iad ri Saul, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne? 1 Air sgàth d’ainme, a Dhè, saor thusa mi, agus led chumhachd cùm cothrom rium. 2 Cluinn m’ùrnaigh, a Dhè; èisd ri briathran mo bheòil. 3 Oir dh’èirich coigrich am aghaidh, agus dh’iarr luchd-fòirneirt mo bheatha; cha do chuir iad Dia fan comhair. Selah. 4 Feuch, is e Dia m’fhear-cuideachaidh; tha an Tighearna dhiubhsan a chumas suas mo bheatha. 5 Dìolaidh e olc dom naimhdean; ad fhìrinn geàrr as iad. 6 Le saor thoil bheir mi ìobairt dhut; molaidh mi d’ainm, a Thighearna, oir tha e math. 7 Oir shaor thu mi as gach teinn; agus chunnaic mo shùil mo mhiann air mo naimhdean. |