Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.

1 Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e.

2 Gleidhidh an Tighearna e, agus cumaidh e beò e, agus bidh e beannaichte air thalamh; na tabhair thusa e do thoil a naimhdean.

3 Bheir an Tighearna neart dha air leabaidh a thinneis iarganaich; a leabaidh uile nì thusa dha na easlainte.

4 Thubhairt mi, A Thighearna, dèan tròcair orm; leighis m’anam, oir pheacaich mi ad aghaidh.

5 Tha mo naimhdean a’ labhairt uilc orm, ag ràdh, Cuin a gheibh e bàs agus a sgriosar a ainm?

6 Agus ma thig neach gam shealltainn, labhraidh e dìomhanas; càrnaidh a chridhe euceart dha fhèin; thèid e a‑mach agus labhraidh e e.

7 Tha iadsan uile aig a bheil fuath dhomh a’ cagarsaich am aghaidh; tha iad a’ dealbh uilc am aghaidh.

8 Tha droch nì, arsa iadsan, air teachd air; agus esan a tha a‑nis na laighe, chan èirich e nas mò.

9 Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.

10 Ach dèan-sa, a Thighearna, tròcair orm, agus tog suas mi, agus bheir mi an luigheachd dhaibh.

11 Le seo tha fhios agam gu bheil tlachd agadsa annam, a chionn nach eil mo nàmhaid a’ dèanamh caithreim os mo chionn.

12 Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann an ionracas, agus suidhichidh tu mi ad fhianais gu bràth.

13 Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen!

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan